Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 2:41 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

41 Mar sin bha iadsan a ghabh ri fhacal‑san air am baisteadh, agus chaidh mu thrì mìle anam a chur riutha an latha sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

41 An sin bhaisteadh iadsan a ghabh ra fhacal gu toileach: agus air an là sin fhèin chuireadh riu timcheall trì mìle anam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

41 An sin bhaisteadh iadsan a ghabh ra fhacal gu toileach: agus air an là sin fhèin chuireadh riu timcheall trì mìle anam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

41 Iadsan ma ta a ghabh ri fhacal, chaidh am baisteadh; agus an latha sin fhein chuireadh ri ʼn aireamh mun cuairt do thri mile anam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 2:41
21 Iomraidhean Croise  

Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e cò a chreideas annamsa, nì esan cuideachd na h‑obraichean a tha mise a' dèanamh. Agus nì e obraichean nas motha na iad seo, a chionn 's gu bheil mise a' dol chun an Athar.


Mar sin chaidh Sìmon Peadar suas agus tharraing e an lìon gu tìr, làn de dh'èisg mhòra; ceud, caogad 's a trì, agus ged a bha na h‑uiread sin ann, cha deach an lìon a shracadh.


Anns na làithean sin sheas Peadar am measg nam bràithrean (b' e àireamh na feadhna a bha an làthair mu cheud is fichead) agus thuirt e,


Agus nuair a chuala na Cinnich seo, thòisich iad air gàirdeachas a dhèanamh is facal an Tighearna a ghlòrachadh, agus chreid na h‑uimhir is a bha òrdaichte chun na beatha shìorraidh.


A‑nis nuair a chuala iad seo, bha iad air an lot chun a' chridhe, agus thuirt iad ri Peadar 's ris a' chòrr dhe na h‑abstoil, “A bhràithrean, dè a nì sinn?”


a' moladh Dhè agus iad le fàbhar aca on t‑sluagh gu lèir. Agus chuir an Tighearna iadsan a bha gan teàrnadh ris an àireamh aca latha às dèidh latha.


Bha sinn san t‑soitheach nar 276 anman gu lèir.


Agus tachraidh e gun tèid a h‑uile h‑anam nach èist ris an fhàidh sin a sgrios o mheasg an t‑sluaigh.’


Ach chreid mòran dhiubhsan a bh' air am facal a' chluinntinn; agus thàinig àireamh nan daoine gus a bhith mu thimcheall air còig mìle.


An uair sin chuir Iòsaph fios agus ghairm e thuige Iàcob, athair, agus a chàirdean gu lèir, seachdad 's a còignear air fad.


Biodh gach neach umhail dha na h‑ùghdarrasan a tha a' riaghladh. Oir chan eil ùghdarras ann ach o Dhia, agus chaidh an fheadhainn a tha ann an stèidheachadh le Dia.


Agus thàinig sibh gu bhith nur luchd‑leanmhainn dhuinne, agus dhen Tighearna, nuair a ghabh sibh ris an fhacal ann an trioblaid mhòir, le aoibhneas an Spioraid Naoimh;


dhaibhsan a bha eas‑umhail, air an robh Dia aig an àm sin a' feitheamh le fad‑fhulangas ann an làithean Nòah, fhad 's a bha an àirc ga togail, anns an robh beagan, eadhon ochd anaman, air an sàbhaladh tro uisge.


Agus dhòirt an dara fear am bobhla aige dhan mhuir; agus thionndaidh i gu fuil, mar o neach a bha marbh, agus bhàsaich a h‑uile h‑anam a bha beò sa mhuir.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan