Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 2:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Agus bha iad uile air an lìonadh leis an Spiorad Naomh agus thòisich iad air bruidhinn ann an teangannan eile, mar a thug an Spiorad comas còmhraidh dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus thòisich iad air labhairt le teangaidhean eile, a rèir mar a thug an Spiorad comas labhairt dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus thòisich iad air labhairt le teangaidhean eile, a rèir mar a thug an Spiorad comas labhairt dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Agus lionadh iad uile leis an Spiorad Naomh, us thòisich iad air labhairt le ioma seorsa theangan, a reir ʼs mar thug an Spiorad Naomh dhaibh ri labhairt.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 2:4
55 Iomraidhean Croise  

Nuair a bheir iad thairis sibh, na bithibh fo chùram a thaobh mar a bhruidhneas sibh no dè a chanas sibh, oir bidh na chanas sibh air a thoirt dhuibh san uair sin.


Leanaidh na comharraidhean seo an fheadhainn a chreideas: nam ainm‑sa tilgidh iad a‑mach deamhain; bruidhinnidh iad le teangannan ùra;


Oir bidh e mòr mu choinneamh an Tighearna, agus chan òl e fìon no deoch‑làidir idir; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, fiù 's o bhroinn a mhàthar.


Agus nuair a chuala Ealasaid fàilte Mhoire, leum an naoidhean na broinn, agus chaidh Ealasaid a lìonadh leis an Spiorad Naomh.


Agus bha athair, Sachariah, air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, is rinn e fàidheadaireachd, ag ràdh:


oir teagaisgidh an Spiorad Naomh dhuibh anns an uair sin fhèin dè a bu chòir dhuibh a ràdh.”


Oir bheir mise dhuibh beul agus gliocas, nach bi gin dhiubhsan a tha nan nàimhdean dhuibh comasach air seasamh nan aghaidh no an àicheadh.


Agus thill Ìosa, làn dhen Spiorad Naomh, o Iòrdan agus bha e air a threòrachadh leis an Spiorad anns an fhàsach


Ach an Neach‑Cuideachaidh, an Spiorad Naomh, a chuireas an t‑Athair a‑mach nam ainm‑sa, teagaisgidh esan dhuibh a h‑uile rud, agus cuiridh e an cuimhne dhuibh gach rud a thuirt mise ribh.


Agus nuair a thuirt e seo, shèid e orra, agus thuirt e riutha, “Gabhaibh‑se an Spiorad Naomh.


“oir bhaist Eòin le uisge, ach bidh sibhse air ur baisteadh leis an Spiorad Naomh, beagan làithean às dèidh seo.”


Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh, agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa ann an Ierusalem agus ann an Iudèa gu lèir agus ann an Samaria, agus gu crìoch na talmhainn.”


Oir bha iad gan cluinntinn a' bruidhinn ann an teangannan agus ag àrd‑mholadh Dhè. An uair sin fhreagair Peadar,


“'S cinnteach nach urrainn do neach sam bith uisge a dhiùltadh airson nan daoine seo a bhaisteadh, a th' air an Spiorad Naomh fhaighinn dìreach mar a fhuair sinne?”


“Nuair a thòisich mi air bruidhinn, thuit an Spiorad Naomh orrasan, dìreach mar a thuit e oirnne aig an toiseach.


oir b' e duine math a bh' ann, làn dhen Spiorad Naomh is de chreideamh. Agus chaidh sluagh fìor mhòr a chur ris an Tighearna.


Agus bha na deisciobail air an lìonadh le aoibhneas is leis an Spiorad Naomh.


Ach rinn Saul, dham b' ainm cuideachd Pòl, air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, geur‑amharc air,


Agus thug Dia, dhan aithne an cridhe, fianais dhaibh, le bhith a' toirt an Spioraid Naoimh dhaibh dìreach mar a thug e dhuinne,


Agus nuair a bha Pòl air a làmhan a shìneadh orra, thàinig an Spiorad Naomh orra, agus thòisich iad air bruidhinn ann an teangannan agus air fàidheadaireachd.


an dà chuid Iùdhaich is proseilitich, Cretich is Arabaich – tha sinn gan cluinntinn a' bruidhinn nar teangannan fhèin mu ghnìomhan cumhachdach Dhè.”


Agus nochd teangannan sgoilte mar theine riutha agus shìn e air gach aon dhiubh.


Agus nuair a bha iad air ùrnaigh a dhèanamh, bha an t‑àite san robh iad cruinn air a chrathadh, agus chaidh iad uile a lìonadh leis an Spiorad Naomh agus dh'aithris iad facal Dhè le dànachd.


An uair sin, làn dhen Spiorad Naomh, thuirt Peadar riutha, “A riaghladairean is èildearan an t‑sluaigh,


Mar sin, a bhràithrean, taghaibh a‑mach o ur measg seachdnar fhear le deagh chliù, làn dhen Spiorad agus de ghliocas, a chuireas sinne os cionn an dleastanais seo.


Agus bha an cruinneachadh gu lèir gu math toilichte ris na thuirt iad, agus thagh iad Steaphan, duine làn de chreideamh agus dhen Spiorad Naomh, agus Philip, is Prochoras, is Nicanor, is Timon, is Parmenas, is Nicolas, proseiliteach o Antioch.


Agus bha Steaphan, làn de ghràs is de chumhachd, a' dèanamh iongantasan mòra is chomharraidhean am measg an t‑sluaigh.


Ach, làn dhen Spiorad Naomh, choimhead esan gu geur a‑steach do nèamh agus chunnaic e glòir Dhè, agus Ìosa na sheasamh air deas‑làimh Dhè.


An uair sin shìn iad an làmhan orra agus fhuair iad an Spiorad Naomh.


Mar sin dh'fhalbh Ananias is chaidh e a‑steach dhan taigh. Agus a' sìneadh a làmhan air thuirt e, “A bhràthair Saul, tha an Tighearna Ìosa, a nochd riut air an rathad air an tàinig thu, air mise a chur airson 's gum faigheadh tu do fhradharc air ais agus gum biodh tu air do lìonadh leis an Spiorad Naomh.”


Gum biodh Dia an dòchais gur lìonadh leis a h‑uile h‑aoibhneas is sìth ann a bhith a' creidsinn, airson 's gum biodh sibh a' cur thairis le dòchas, tro chumhachd an Spioraid Naoimh.


do neach eile obrachadh mhìorbhailean, do neach eile fàidheadaireachd, do neach eile eadar‑dhealachadh eadar spioradan, do neach eile diofar sheòrsaichean theangannan, agus do neach eile eadar‑mhìneachadh theangannan.


Ged a bhruidhninn le teangannan dhaoine is aingeal, ach nach eil gaol agam, tha mi nam chlag‑umha fuaimneach no nam chiombal gliongach.


Chan fhàilnich an gaol. Ach a thaobh fhàidheadaireachdan, thig iad gu neoni; a thaobh theangannan, sguiridh iad; a thaobh eòlais, thig e gu neoni.


Tha mi a' toirt taing do Dhia gu bheil mi a' bruidhinn le teangannan barrachd air na tha sibhse uile;


A‑nis bu toigh leam gum bruidhneadh sibh uile le teangannan, ach b' fheàrr leam gun dèanadh sibh fàidheadaireachd. Tha an neach a nì fàidheadaireachd nas motha na an neach a bhruidhneas ann an teangannan, mura h‑eadar‑theangaich cuideigin, airson 's gum biodh an eaglais air a togail suas.


agus aithne a bhith agaibh air gràdh Chrìosd a tha thar eòlais, airson 's gum bi sibh air ur lìonadh gu uile lànachd Dhè.


Agus na bithibh air mhisg le fìon, oir is e pòitearachd a tha an sin, ach bithibh air ur lìonadh leis an Spiorad,


Leis a h‑uile seòrsa ùrnaigh is tagraidh, dèanaibh ùrnaigh an‑còmhnaidh san Spiorad, agus le seo san amharc, dèanaibh faire leis a h‑uile buannachadh is thagradh airson nan naomh gu lèir.


Chaidh fhoillseachadh dhaibh nach b' ann dhaib' fhèin ach dhuibhse a bha iad a' ministrealachadh nan rudan seo, a chaidh a‑nis an innse dhuibh tromhpasan a shearmonaich an deagh sgeul dhuibh san Spiorad Naomh, a chaidh a chur o nèamh, rudan air am miann le ainglean a bhith a' coimhead.


Oir cha b' ann le toil duine a chaidh fàidheadaireachd a thoirt a‑mach aig àm sam bith, ach, air an giùlain leis an Spiorad Naomh, bhruidhinn daoine o Dhia.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan