Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 2:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Agus nochd teangannan sgoilte mar theine riutha agus shìn e air gach aon dhiubh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus dh’fhoillsicheadh dhaibh teangaidhean sgoilte, mar de theine, agus shuidh e air gach aon dhiubh fa leth:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus dh’fhoillsicheadh dhaibh teangaidhean sgoilte, mar de theine, agus shuidh e air gach aon dhiubh fa leth:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Us chunnacas leo teangannan sgoilte mar gum bʼ ann de theine, agus shuidh e air gach aon dhiu;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 2:3
18 Iomraidhean Croise  

“Tha mise gur baisteadh le uisge airson aithreachais, ach tha esan a tha a' tighinn às mo dhèidh nas cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air a chuarain a ghiùlain. Baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine.


Ach fhreagair Ìosa e, “Leig leis a bhith mar seo an‑dràsta, oir mar seo tha e iomchaidh dhuinn gach uile fhìreantachd a choileanadh.” An uair sin leig e leis.


Agus thuirt iad ri chèile, “Nach robh ar cridheachan a' lasadh annainn fhad 's a bha e a' bruidhinn rinn air an t‑slighe, fhad 's a dh'fhosgail e dhuinn na Sgriobtaran?”


Anns na làithean sin sheas Peadar am measg nam bràithrean (b' e àireamh na feadhna a bha an làthair mu cheud is fichead) agus thuirt e,


an dà chuid Iùdhaich is proseilitich, Cretich is Arabaich – tha sinn gan cluinntinn a' bruidhinn nar teangannan fhèin mu ghnìomhan cumhachdach Dhè.”


Agus gu grad thàinig o nèamh fuaim mar dhian‑ruith gaoithe chumhachdaich, agus lìon i an taigh gu lèir anns an robh iad nan suidhe.


Agus bha iad uile air an lìonadh leis an Spiorad Naomh agus thòisich iad air bruidhinn ann an teangannan eile, mar a thug an Spiorad comas còmhraidh dhaibh.


do neach eile obrachadh mhìorbhailean, do neach eile fàidheadaireachd, do neach eile eadar‑dhealachadh eadar spioradan, do neach eile diofar sheòrsaichean theangannan, agus do neach eile eadar‑mhìneachadh theangannan.


Agus is e teine a th' anns an teanga, saoghal neo‑fhìreantachd. Tha an teanga air a suidheachadh am measg ar ball, truailleadair na bodhaig gu lèir, 's a' lasadh cùrsa na beatha, agus air a lasadh le Ifrinn.


Agus bheir mi ùghdarras dhan dithis fhianaisean agam, agus nì iad fàidheadaireachd airson mìle, dà cheud agus seasgad latha, 's iad air an èideadh ann an sac‑aodach.”


Agus chunnaic mi aingeal eile air sgèith ann am meadhan an adhair, aig an robh deagh sgeul shìorraidh ri shearmonachadh dhaibhsan a tha a' còmhnaidh air an talamh, agus dhan a h‑uile nàisean is treubh is teanga is sluagh,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan