Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 2:12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 Agus bha iad uile fo iongnadh agus fo dhragh mòr, ag ràdh ri càch‑a‑chèile, “Dè a tha seo a' ciallachadh?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Agus bha iad uile fo uamhas, agus ann an ioma-chomhairle, ag ràdh gach aon ri chèile, Ciod as ciall dha seo?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Agus bha iad uile fo uamhas, agus ann an ioma‑chomhairle, ag ràdh gach aon ri chèile, Ciod as ciall dha seo?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 Agus bha iad uile lan uamhais agus ioghnaidh, a g-radh ri cheile: Ciod is ciall dha so?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 2:12
8 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chrìochnaich Ìosa na briathran seo, ghabh na slòigh iongnadh ri theagasg‑san,


oir bha eagal air Herod o Eòin, a chionn 's gun robh fios aige gum b' e duine ionraic is naomh a bh' ann, agus chùm e sàbhailte e. Nuair a chuala Herod e, bha e fo imcheist mhòr, ach chòrd e ris èisteachd ris.


Agus ghairm e thuige aon dhe na seirbheisich agus dh'fhaighnich e dè a bu chiall dha na rudan sin.


Agus nuair a chuala e sluagh a' dol seachad, dh'fhaighnich e dè dh'fhaodadh a bhith ann.


A‑nis fhad 's a bha Peadar ann an imcheist ann fhèin a thaobh dè a' chiall a b' urrainn a bhith aig an t‑sealladh a chunnaic e, seall, bha na daoine a chaidh a chur o Chornelius, às dèidh taigh Shìmoin a shireadh, nan seasamh aig a' gheata,


Oir tha thu a' toirt rudan neònach gu ar cluasan; mar sin tha sinn ag iarraidh eòlas a bhith againn air dè a tha na rudan seo a' ciallachadh.”


an dà chuid Iùdhaich is proseilitich, Cretich is Arabaich – tha sinn gan cluinntinn a' bruidhinn nar teangannan fhèin mu ghnìomhan cumhachdach Dhè.”


Agus bha iad uile fo iongnadh 's fo mhòr‑iongantas, ag ràdh, “Èist, nach e Galilèaich a th' annta sin uile a tha a' bruidhinn?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan