Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 1:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Mar sin nuair a bha iad air tighinn còmhla, dh'fhaighnich iad dha, “A Thighearna, an ann aig an àm seo a dh'aisigeas tu an rìoghachd do dh'Israel?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Uime sin nuair a chruinnich iad an ceann a chèile, dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A Thighearna, an aisig thu aig an àm seo an rìoghachd do Israel?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Uime sin nuair a chruinnich iad an ceann a chèile, dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A Thighearna, an aisig thu aig an àm seo an rìoghachd do Israel?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Uime sin dhʼfharraid iadsan, a bha cruinn, dheth, a g-radh: A Thighearna, an ann san àm so a thilleas tu an rioghachd do Israel?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 1:6
23 Iomraidhean Croise  

Fhreagair e, “Tha Eliah a' tighinn, agus aisigidh e a h‑uile rud.


Agus thuirt e rithe, “Dè a tha thu ag iarraidh?” Thuirt i ris, “Can gun suidh an dithis mhac seo agamsa, aon air do làimh dheis agus aon air do làimh chlì, nad rìoghachd.”


Fhad 's a bha e na shuidhe air Beinn nan Crann‑Ola, thàinig na deisciobail thuige gu prìobhaideach, ag ràdh, “Innis dhuinne cuin a thachras na rudan seo, agus dè an comharra a bhios ann airson do theachd‑sa, agus deireadh na linne?”


Agus thuirt esan riutha, “Tha Eliah a' tighinn an toiseach airson a h‑uile rud aiseag; ach ciamar a tha e sgrìobhte mu Mhac an Duine, gu bheil e a' dol a dh'fhulang tòrr rudan agus gu bhith air a chur ann an dìmeas?


Às dèidh dha na Pharasaich faighneachd dha cuin a thigeadh rìoghachd Dhè, fhreagair e iad ag ràdh, “Chan eil rìoghachd Dhè a' tighinn le comharraidhean a tha follaiseach.


Fhad 's a bha iad ag èisteachd ris na rudan seo, lean e air is dh'innis e cosamhlachd, a chionn 's gun robh e faisg air Ierusalem agus a chionn 's gun do shaoil iadsan gun robh rìoghachd Dhè a' dol a nochdadh sa bhad.


Dìreach mar a bhuilich m' Athair rìoghachd ormsa, tha mise ga buileachadh oirbhse,


Mar sin, nuair a chunnaic Peadar esan, thuirt e ri Ìosa, “A Thighearna, dè ma dheidhinn‑san?”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan