Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 1:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Dhaibhsan, thaisbein e e fhèin beò às dèidh an fhulangais aige le mòran chomharraidhean dearbhachail, a' nochdadh riutha fad dà fhichead latha is a' bruidhinn mu rìoghachd Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Don do rinn e mar an ceudna e fhèin a nochdadh beò an dèidh a fhulangais, le mòran de chomharraidhean fìrinneach, air dha a bhith air fhaicinn leo feadh dà‑fhichead là, agus e a’ labhairt mu na nithean sin a bhuineadh do rìoghachd Dhè:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Don do rinn e mar an ceudna e fhèin a nochdadh beò an dèidh a fhulangais, le mòran de chomharraidhean fìrinneach, air dha a bhith air fhaicinn leo feadh dà‑fhichead là, agus e a’ labhairt mu na nithean sin a bhuineadh do rìoghachd Dhè:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Us dha na dhʼ fhiach e e fhein beo as deigh a phàis le ioma dearbhadh, ga fhiachuinn fhein dhaibh ré dhà-fhichead latha, ʼsa labhairt mu rioghachd Dhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 1:3
27 Iomraidhean Croise  

“Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gun tèid rìoghachd Dhè a thoirt uaibhse, agus gun tèid a toirt do shluagh a bheir a‑mach a toradh.


Agus seall, choinnich Ìosa ris na boireannaich, agus thuirt e, “Fàilte!” Agus thàinig iad suas agus rug iad air a chasan agus rinn iad adhradh dha.


ag ràdh, “Dèanaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.”


Agus às dèidh dha trasgadh airson ceathrad latha agus ceathrad oidhche, bha an t‑acras air.


Mar sin an uair sin, às dèidh dhan Tighearna Ìosa bruidhinn riutha, chaidh a thoirt suas gu nèamh agus shuidh e air deas‑làimh Dhè.


Ochd latha às dèidh sin, bha na deisciobail a‑rithist a‑staigh, agus bha Tòmas còmhla riutha. Ged a bha na dorsan glaiste, thàinig Ìosa agus sheas e nam measg, agus thuirt e, “Sìth dhuibh.”


Às dèidh seo nochd Ìosa e fhèin a‑rithist dha na deisciobail aig Muir Thiberiais. Is ann san dòigh seo a nochd e e fhèin:


B' i seo a‑nis an treas uair a chaidh Ìosa a nochdadh dha na deisciobail, às dèidh dha a bhith air a thogail o na mairbh.


agus thairis air mòran làithean nochd e riuthasan a bh' air tighinn suas còmhla ris o Ghalile gu Ierusalem, a tha a‑nis nam fianaisean dhàsan dhan t‑sluagh.


Agus chaidh esan a‑steach dhan t‑sionagog agus bhruidhinn e gu dàn fad thrì mìosan, a' reusanachadh agus a' cur ìmpidh orra mu rìoghachd Dhè.


Nuair a bha iad air latha a shuidheachadh air a shon, thàinig iad thuige dhan taigh‑loidsidh aige ann an àireamhan na bu mhotha. O mhadainn gu feasgar rinn e mìneachadh dhaibh, a' toirt fianais a thaobh rìoghachd Dhè agus a' feuchainn ri dhearbhadh dhaibh mu Ìosa, an dà chuid o Lagh Mhaois agus o na Fàidhean.


a' searmonachadh rìoghachd Dhè agus a' teagasg mun Tighearna Ìosa Crìosd le làn‑dhànachd is gun bhacadh.


Ach nuair a chreid iad Philip fhad 's a shearmonaich e an deagh sgeul mu rìoghachd Dhè agus ainm Ìosa Crìosd, bha iad air am baisteadh, an dà chuid fir agus boireannaich.


Oir chan eil rìoghachd Dhè mu ithe 's mu òl ach mu fhìreantachd is mu shìth is mu aoibhneas san Spiorad Naomh.


Tha e air ar saoradh o chumhachd an dorchadais agus air ur gluasad gu rìoghachd Mac a ghràidh‑san,


gur n‑earalachadh agus gur cofhurtachadh agus a' cur ìmpidh oirbh gus am biodh sibh beò gu h‑iomchaidh do Dhia, a ghairm sibh a‑steach dha rìoghachd fhèin 's dha ghlòir.


An rud a bh' ann o thoiseach, a chuala sinn, a chunnaic sinn ler sùilean, air an do choimhead sinn agus a làimhsich ar làmhan – mu Fhacal na beatha.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan