Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 1:22 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

22 a' tòiseachadh o bhaisteadh Eòin gus an latha san deach a thogail suas uainn, a bhith air a dhèanamh na fhianais dhe aiseirigh‑san còmhla rinne.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

22 A’ tòiseachadh o bhaisteadh Eòin, gus an là anns an do thogadh suas uainn e, a bhith air a dhèanamh na fhianais air a aiseirigh-san maille rinne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

22 A’ tòiseachadh o bhaisteadh Eòin, gus an là anns an do thogadh suas uainn e, a bhith air a dhèanamh na fhianais air a aiseirigh‐san maille rinne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

22 A tòiseachadh aig baisteadh Eoin, gus an latha air na thogadh bhuainn e, a dhianamh ʼna fhianuis comhla ruinne air ʼaiseirigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 1:22
16 Iomraidhean Croise  

Anns na làithean sin thàinig Ìosa o Nàsaret Ghalile agus chaidh a bhaisteadh le Eòin anns an Iòrdan.


Mar sin an uair sin, às dèidh dhan Tighearna Ìosa bruidhinn riutha, chaidh a thoirt suas gu nèamh agus shuidh e air deas‑làimh Dhè.


Tha sibh nur fianaisean air na rudan seo.


A‑nis, nuair a bha an sluagh gu lèir air am baisteadh, agus Ìosa cuideachd air a bhaisteadh, agus e ag ùrnaigh, chaidh nèamh fhosgladh,


Agus bheir sibhse fianais cuideachd, a chionn 's gu bheil sibh air a bhith còmhla rium on toiseach.


agus thuirt iad, “Fheara Ghalile, carson a tha sibh a' seasamh a' coimhead a nèamh? An t‑Ìosa seo a chaidh a thogail suas uaibh do nèamh, thig e san aon dòigh sam faca sibh e a' dol do nèamh.”


gus an latha nuair a chaidh a thoirt suas, às dèidh dha àithntean a thoirt, tron Spiorad Naomh, dha na h‑abstoil a bha e air a thaghadh.


An t‑Ìosa seo thog Dia suas, agus dhe sin tha sinne uile nar fianaisean.


Agus le sàr‑chumhachd bha na h‑abstoil a' toirt fianais do dh'aiseirigh an Tighearna Ìosa, agus bha mòr‑ghràs orra uile.


ciamar a gheibh sinn dol‑às ma nì sinn dearmad air sàbhaladh cho mòr? Às dèidh dha a bhith air aithris leis an Tighearna, chaidh a dhaingneachadh dhuinn leothasan a chuala e.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan