Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 1:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 gus an latha nuair a chaidh a thoirt suas, às dèidh dha àithntean a thoirt, tron Spiorad Naomh, dha na h‑abstoil a bha e air a thaghadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Gus an là anns an do thogadh suas e, an dèidh dha, tron Spiorad Naomh, àitheantan a thoirt do na h‑abstoil a thagh e:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Gus an là anns an do thogadh suas e, an dèidh dha, tron Spiorad Naomh, àitheantan a thoirt do na h‑abstoil a thagh e:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Gus an latha air na thogadh suas e, an deigh dha fhaintean a thoirt leis an Spiorad Naomh do na h-ostail a thagh e;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 1:2
50 Iomraidhean Croise  

Ach mas ann le Spiorad Dhè a tha mise a' tilgeil a‑mach dheamhan, mar sin tha rìoghachd Dhè air tighinn oirbhse.


Agus nuair a chaidh Ìosa a bhaisteadh, sa bhad chaidh e suas às an uisge, agus seall, chaidh na nèamhan fhosgladh dha, agus chunnaic e Spiorad Dhè a' tighinn sìos mar chalman agus a' tighinn air.


Chruinnich na h‑abstoil timcheall air Ìosa agus dh'innis iad dha a h‑uile rud a rinn iad agus na theagaisg iad.


Fhad 's a bha e gam beannachadh, dhealaich e riutha agus chaidh a thoirt suas gu nèamh.


Nuair a dhlùthaich na làithean dhàsan a bhith air a ghabhail suas, shuidhich e aghaidh gus a dhol gu Ierusalem.


Às a lànachd‑san fhuair sinn uile gràs às dèidh gràis.


A‑nis ro Fhèill na Càisge, nuair a b' aithne do dh'Ìosa gun robh an uair aige air tighinn airson a dhol às an t‑saoghal seo chun an Athar, às dèidh dha a mhuinntir fhèin a bh' anns an t‑saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e chun an deiridh iad.


“Chan eil mi a' bruidhinn mur deidhinn uile; is aithne dhomh cò iad a thagh mi. Ach feumaidh an Sgriobtar a bhith air a choileanadh: ‘An neach a tha ag ithe m' aran‑sa, thog e a shàil nam aghaidh.’


Bha fios aig Ìosa gun tug an t‑Athair a h‑uile rud dha na làmhan, agus gur ann o Dhia a thàinig e, agus gur ann gu Dia a bha e a' dol.


Thàinig mi on Athair agus tha mi air tighinn a‑steach dhan t‑saoghal; agus a‑nis tha mi a' fàgail an t‑saoghail agus a' dol chun an Athar.”


“Ach a‑nis tha mi a' tighinn thugadsa, agus tha mi ag ràdh nan rudan seo anns an t‑saoghal, airson 's gum faod m' aoibhneas a bhith air a choileanadh annta fhèin.


Thuirt Ìosa rithe, “Na cùm grèim orm, oir cha deach mi fhathast suas gum Athair. Ach thalla gu mo bhràithrean agus can riutha, ‘Tha mise a' dol suas gum Athair‑sa agus gu ur n‑Athair‑se, agus gu mo Dhia‑sa agus ur Dia‑se.’”


Mar sin thuirt Ìosa riutha a‑rithist, “Sìth dhuibh! Mar a chuir an t‑Athair a‑mach mise, mar sin tha mise cuideachd gur cur‑se a‑mach.”


Oir tha esan a chuir Dia a‑mach ag ràdh faclan Dhè, oir chan ann a rèir tomhais a tha Dia a' toirt an Spioraid.


Dè nam faiceadh sibh Mac an Duine a' dol suas dhan àite anns an robh e roimhe?


Fhreagair Ìosa iad, “Nach do thagh mise sibhse, an dà fhear dheug? Agus fhathast tha aon agaibh na dhiabhal?”


agus thuirt iad, “Fheara Ghalile, carson a tha sibh a' seasamh a' coimhead a nèamh? An t‑Ìosa seo a chaidh a thogail suas uaibh do nèamh, thig e san aon dòigh sam faca sibh e a' dol do nèamh.”


Agus nuair a bha iad air a dhol a‑steach, chaidh iad suas dhan t‑seòmar a b' àirde, far an robh iad a' fuireach: Peadar is Eòin agus Seumas is Anndra, Philip is Tòmas, Bartolomèus is Mata, Seumas mac Alphèuis is Sìmon Selotes agus Iùdas mac Sheumais.


a' tòiseachadh o bhaisteadh Eòin gus an latha san deach a thogail suas uainn, a bhith air a dhèanamh na fhianais dhe aiseirigh‑san còmhla rinne.”


Agus nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, fhad 's a bha iad a' coimhead air, chaidh a thogail suas agus thug sgòth às an sealladh e.


mar a dh'ung Dia Ìosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh is le cumhachd, agus mar a chaidh e mun cuairt a' dèanamh maith agus gan slànachadh‑san uile a bh' air an claoidh leis an diabhal, oir bha Dia còmhla ris.


Pòl, abstol, chan ann o dhaoine, no tro dhaoine, ach tro Ìosa Crìosd agus tro Dhia an t‑Athair, a thog suas o na mairbh e –


air ur togail air bunait nan abstol is nam fàidhean, le Crìosd Ìosa fhèin na chloich‑chinn an oisein,


Agus feumaidh e a bhith air aideachadh gur mòr dìomhaireachd na diadhaidheachd: a bh' air fhoillseachadh san fheòil, air a dhearbhadh fìreanta leis an Spiorad, air fhaicinn le ainglean, air a shearmonachadh am measg nan Cinneach, a chaidh creidsinn ann anns an t‑saoghal, 's a bha air a thogail suas ann an glòir.


Oir cha deach Crìosd a‑steach do dh'àite naomh a chaidh a dhèanamh le làmhan, samhla dhen fhìor fhear, ach do nèamh fhèin airson nochdadh mu choinneamh Dhè air ar son‑ne.


a tha aig deas làimh Dhè, às dèidh dha a dhol do nèamh, 's e air ainglean is ùghdarrasan is cumhachdan a chur fo smachd.


gun cumadh sibh nur n‑inntinn na chaidh a ràdh roimhe leis na fàidhean naomha, agus àithne ar Tighearna 's ar Slànaighear, tro ur n‑abstoil


Taisbeanadh Ìosa Crìosd, a thug Dia dha airson foillseachadh dha sheirbheisich na rudan a dh'fheumas tachairt a dh'aithghearr; agus a rinn e aithnichte 's a chuir e, leis an aingeal aige, gu a sheirbheiseach Eòin,


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas, cha tèid a leòn idir leis an dara bàs.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi dha am mana falaichte agus bheir mi dha clach gheal, agus air a' chloich ainm ùr sgrìobhte, aig nach eil fios aig duine ach aigesan a gheibh i.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi cead ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am Pàrras Dhè.


Agus bha dà bhunait dheug aig balla a' bhaile agus orrasan bha dà ainm dheug dà abstol dheug an Uain.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.


Ach a chionn 's gu bheil thu meadh‑bhlàth, 's nach eil thu teth no fuar, tha mi gus do chuir a‑mach às mo bheul.


Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e dè a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan