Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 1:14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

14 Bha iad seo uile a dh'aon inntinn gan coisrigeadh fhèin do dh'ùrnaigh, còmhla ri na boireannaich agus Moire màthair Ìosa, agus còmhla ri a bhràithrean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 Bhuanaich iad seo uile a dh’aon inntinn ann an ùrnaigh (agus ann an guidhe), maille ris na mnathan, agus Muire màthair Iosa, agus maille ra bhràithrean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 Bhuanaich iad seo uile a dh’aon inntinn ann an ùrnaigh (agus ann an guidhe), maille ris na mnathan, agus Muire màthair Iosa, agus maille ra bhràithrean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

14 Bha iad so uile a buanachadh a dhʼaon inntinn ann an urnaigh, maille ris na boirionnaich, agus Moire mathair Iosa, ʼsa bhraithrean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 1:14
27 Iomraidhean Croise  

Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn ris an t‑sluagh, seall, sheas a mhàthair agus a bhràithrean a‑muigh, ag iarraidh bruidhinn ris.


Agus ge b' e dè na rudan a dh'iarras sibh ann an ùrnaigh, ma chreideas sibh, gheibh sibh iad.”


Bha tòrr bhoireannaich an sin a' coimhead o phìos às. Bha iad air Ìosa a leantainn o Ghalile airson frithealadh dha;


Bha boireannaich cuideachd a' coimhead o phìos às; nam measg sin bha Màiri Magdalen, agus Màiri màthair Sheumais a bu lugha, agus Iòseis, agus Salòme.


Nuair a bha an t‑Sàbaid seachad, cheannaich Màiri Magdalen is màthair Sheumais is Salòme spìosraidhean, airson 's gum faodadh iad a dhol ga ungadh.


Mar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc ciamar a bheir sibh tiodhlacan matha dhur cloinn, nach mòr nas motha na sin a bheir an t‑Athair nèamhaidh an Spiorad Naomh dhaibhsan a dh'iarras airsan!”


An uair sin dh'innis e cosamhlachd dhaibh a' sealltainn gum bu chòir ùrnaigh a dhèanamh an‑còmhnaidh agus gun a bhith a' call misneachd.


Agus sheas a luchd‑eòlais uile, agus na boireannaich a lean e o Ghalile, fad às, a' coimhead air na rudan sin.


Lean na boireannaich a bh' air tighinn còmhla ri Ìosa o Ghalile, agus chunnaic iad an tuam agus mar a chaidh a chorp a chur na shìneadh ann.


A‑nis b' iad Màiri Magdalen, Ioanna agus Màiri màthair Sheumais, agus na boireannaich eile a bha còmhla riutha, a dh'innis na rudan seo dha na h‑abstoil.


Agus dh'èirich iad san uair sin fhèin, agus thill iad gu Ierusalem, far an d' fhuair iad an t‑aon fhear deug agus an fheadhainn a bha cuide riutha cruinn còmhla,


Agus bha iad an‑còmhnaidh anns an teampall, a' moladh Dhè.


Agus chaidh innse dha: “Tha do mhàthair agus do bhràithrean nan seasamh a‑muigh, ag iarraidh d' fhaicinn.”


Nuair a thàinig latha na Caingis, bha iad uile còmhla san aon àite.


Agus choisrig iad iad fhèin do theagasg nan abstol agus do cho‑chomann, agus do bhriseadh arain agus do dh'ùrnaighean.


Agus latha às dèidh latha, a' leantainn orra a dh'aon inntinn san teampall, agus a' briseadh arain o thaigh gu taigh, ghabh iad am biadh le cridheachan aoibhneach is iriosal,


Ach coisrigidh sinne sinn fhèin do dh'ùrnaigh agus do mhinistrealachd an fhacail.”


Ann an dòchas, dèanaibh gàirdeachas, ann an trioblaid, buanaichibh, ann an ùrnaigh, bithibh seasmhach.


Air an adhbhar sin, dèanadh an neach a bhruidhneas ann an teangaidh ùrnaigh gun eadar‑theangaicheadh e.


Leis a h‑uile seòrsa ùrnaigh is tagraidh, dèanaibh ùrnaigh an‑còmhnaidh san Spiorad, agus le seo san amharc, dèanaibh faire leis a h‑uile buannachadh is thagradh airson nan naomh gu lèir.


Coisrigibh sib' fhèin do dh'ùrnaigh, a' dèanamh faire innte le taingealachd;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan