Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Gnìomharan 1:12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 An uair sin thill iad gu Ierusalem, on bheinn ris an canar Beinn nan Crann‑Ola, a tha faisg air Ierusalem, astar latha Sàbaid air falbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 An sin thill iad gu Ierusalem, on t‑sliabh ris an abrar Sliabh nan Crann-ola, a tha am fagas do Ierusalem, astar là sàbaid as.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 An sin thill iad gu Ierusalem, on t‑sliabh ris an abrar Sliabh nan Crann‐ola, a tha am fagas do Ierusalem, astar là sàbaid as.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 An sin thill iad gu Ierusalem, bho ʼn t-sliabh ris an abrar Olibhet, a tha teann air Ierusalem, uidhe latha sàbaid bhuaithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Gnìomharan 1:12
10 Iomraidhean Croise  

A‑nis nuair a thàinig iad faisg air Ierusalem agus a thàinig iad gu Betphage, gu Beinn nan Crann‑Ola, chuir Ìosa air falbh dithis dheisciobal,


Dèanaibh ùrnaigh nach bi ur teicheadh sa gheamhradh, no air Sàbaid.


Fhad 's a bha e na shuidhe air Beinn nan Crann‑Ola, thàinig na deisciobail thuige gu prìobhaideach, ag ràdh, “Innis dhuinne cuin a thachras na rudan seo, agus dè an comharra a bhios ann airson do theachd‑sa, agus deireadh na linne?”


Nuair a bha iad air laoidh a sheinn chaidh iad a‑mach gu Beinn nan Crann‑Ola.


Fhad 's a thàinig e faisg air Betphage agus Betani aig a' bheinn ris an canar Beinn nan Crann‑Ola, chuir e air falbh dithis dheisciobal,


Gach latha bha e a' teagasg anns an teampall, ach air an oidhche dheigheadh e a‑mach agus dh'fhanadh e air a' bheinn ris an canar Beinn nan Crann‑Ola.


An uair sin threòraich e a‑mach iad cho fada ri Betani, agus a' togail suas a làmhan, bheannaich e iad.


Agus rinn iad adhradh dha is thill iad gu Ierusalem le mòr‑aoibhneas.


Bha Betani mu thrì cilemeatair o Ierusalem.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan