Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ephèsianach 1:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Beannaichte gun robh Dia agus Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd, a th' air ar beannachadh leis a h‑uile beannachd spioradail sna h‑àiteachan nèamhaidh ann an Crìosd,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

3 Nach sinn a bu chòir taing is moladh a thoirt do Dhia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd. Ann an Crìosd, bheannaich e sinn leis a h‑uile beannachadh spioradail anns an rìoghachd nèamhaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Beannaichte gun robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Criosta, a bheannaich sinn le uile bheannachdan spioradail sna h-ardaibh ann an Criosta,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ephèsianach 1:3
39 Iomraidhean Croise  

ghabh esan na ghàirdeanan e, is bheannaich e Dia, agus thuirt e:


Air an latha sin bidh fios agaibh gu bheil mise anns an Athair, agus sibhse annamsa, agus mise annaibhse.


airson 's gum bi iad uile nan aon; dìreach mar a tha thusa, Athair, annamsa, agus mise annadsa, gum bi iadsan cuideachd annainne, airson 's gun creideadh an saoghal gun do chuir thusa a‑mach mi.


Thuirt Ìosa rithe, “Na cùm grèim orm, oir cha deach mi fhathast suas gum Athair. Ach thalla gu mo bhràithrean agus can riutha, ‘Tha mise a' dol suas gum Athair‑sa agus gu ur n‑Athair‑se, agus gu mo Dhia‑sa agus ur Dia‑se.’”


mar sin sinne, a tha nar mòran, tha sinn nar n‑aon bhodhaig ann an Crìosd, agus fa leth nar buill de chàch‑a‑chèile.


airson 's, a dh'aon inntinn, le aon ghuth, gun toireadh sibh glòir do Dhia is Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd.


Is esan prìomh bhunait ur beatha ann an Ìosa Crìosd, a rinn Dia dhuinne: na ghliocas, na fhìreantachd, na naomhachd, agus na shaorsa.


Oir dìreach mar a tha an corp na aon agus mòran bhall ann; agus buill a' chuirp uile – ged a tha mòran dhiubh ann – nan aon chorp, mar seo cuideachd tha Crìosd.


Beannaichte gun robh an Dia agus athair ar Tighearn Ìosa Crìosd, Athair nan tròcair agus Dia nan uile chofhurtachd,


Tha fios aig Dia agus Athair an Tighearna Ìosa Crìosd, esan a tha beannaichte gu sìorraidh, nach eil mi ag innse breug.


Mar sin, ma tha neach sam bith ann an Crìosd, 's e creutair ùr a th' ann, chaidh na seann rudan seachad, seallaibh, tha rudan ùra air tighinn.


Oir rinn e esan, dha nach b' aithne peacadh, na pheacadh air ar son‑ne; airson 's gum biodh sinne air ar dèanamh nar fìreantachd Dhè annsan.


Mar sin tha iadsan a tha dhen chreideamh air am beannachadh còmhla ri Abrahàm, an creidmheach.


mar phlana airson lànachd na h‑ùine, gus a h‑uile nì a chruinneachadh ann an Crìosd, rudan sna nèamhan agus air an talamh.


Tha mi ag ùrnaigh gun toireadh Dia ar Tighearna Ìosa Crìosd, Athair na glòire, spiorad gliocais is taisbeanaidh dhuibh, ann an eòlas airsan


a dh'obraich e ann an Crìosd nuair a thog e o na mairbh e agus a chuir e na shuidhe air a dheas‑làimh fhèin e sna h‑àiteachan nèamhaidh


agus thog e sinne suas leis, is shuidhich e sinn sna h‑àiteachan nèamhaidh ann an Crìosd Ìosa,


airson 's gum biodh gliocas ioma‑fhillte Dhè a‑nis air a dhèanamh aithnichte tron eaglais dha na riaghladairean 's dha na h‑ùghdarrasan anns na h‑àiteachan nèamhaidh.


Oir chan eil sinn a' gleac ri fuil is feòil, ach ri riaghladairean, ri ùghdarrasan, ri cumhachdan‑saoghail an dorchadais seo, ri cumhachdan spioradail na h‑aingidheachd sna h‑àiteachan nèamhaidh.


agus gun aidicheadh gach teanga gur e Ìosa Crìosd an Tighearna, gu glòir Dhè an t‑Athair.


a tha a' frithealadh samhail is faileas nan àiteachan nèamhaidh, mar a chaidh òrdachadh do Mhaois nuair a bha e a' crìochnachadh na pàillein. Oir tha e ag ràdh, “Faic gun dèan thu a h‑uile sìon a rèir an t‑samhlaidh a chaidh a shealltainn dhut air a' bheinn.”


Bha e riatanach ma‑thà gum biodh samhlaidhean nan rudan anns na nèamhan air an glanadh leis na h‑ìobairtean sin, ach na rudan nèamhaidh iad fhèin, le ìobairtean a b' fheàrr na iad sin.


Beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd, neach, a rèir a mhòr thròcaire, a th' air ar n‑ath‑ghin gu dòchas beò tro aiseirigh Ìosa Crìosd o na mairbh,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan