Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ephèsianach 1:23 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

23 as i a chorp‑san, an lànachd aigesan a tha a' lìonadh a h‑uile sìon sna h‑uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

23 A tha na corp aige, lànachd an tì a tha a’ lìonadh nan uile nithean anns na h‑uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

23 A tha na corp aige, lànachd an tì a tha a’ lìonadh nan uile nithean anns na h‑uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

23 'S i an eaglais a chorp, 's tha i ga dhèanamh iomlan mar a tha e fhèin a' dèanamh iomlan a h‑uile nì a th'ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

23 ʼS gur i a chorp-san agus ʼiomlanachd-san a tha lionadh nan uile anns gach uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ephèsianach 1:23
19 Iomraidhean Croise  

Às a lànachd‑san fhuair sinn uile gràs às dèidh gràis.


Mar sin, feumaidh neach a bhith umhail, chan ann a‑mhàin air sgàth corraich, ach cuideachd air sgàth a' chogais.


agus tha diofar sheòrsaichean obrachaidh ann, ach is e an t‑aon Dhia a tha ag obrachadh a h‑uile sìon sa h‑uile neach.


Nuair a thèid a h‑uile sìon a chur fo a smachd, an uair sin bidh am Mac fhèin fo smachd an Aoin a chuir a h‑uile sìon fo a smachd‑san, airson 's gum bi Dia nan uile anns na h‑uile.


agus gun dèanadh e an dà chuid rèidh ri Dia ann an aon chorp tro a chrann‑ceusaidh, mar sin a' cur às dhan nàimhdeas.


airson 's gum biodh gliocas ioma‑fhillte Dhè a‑nis air a dhèanamh aithnichte tron eaglais dha na riaghladairean 's dha na h‑ùghdarrasan anns na h‑àiteachan nèamhaidh.


agus aithne a bhith agaibh air gràdh Chrìosd a tha thar eòlais, airson 's gum bi sibh air ur lìonadh gu uile lànachd Dhè.


Esan a chaidh sìos, is e sin fhèin cuideachd esan a chaidh suas fada os cionn nan nèamhan, airson 's gun lìonadh e a h‑uile sìon.)


gus na naoimh uidheamachadh airson obair na ministrealachd, airson corp Chrìosd a thogail suas


gus an ruig sinn uile air aonachd a' chreideimh agus air eòlas mhic Dhè, gu duine iomlan, gu tomhas àirde lànachd Chrìosd.


Tha aon bhodhaig agus aon Spiorad ann – dìreach cuideachd mar a chaidh ur gairm ann an aon dòchas ur gairme;


A‑nis tha mi a' dèanamh gàirdeachais nam fhulangasan air ur son‑se, agus nam fheòil tha mi a' coileanadh na tha a dhìth ann an àmhgharan Chrìosd air sgàth a chuirp‑san, is i an eaglais,


agus gun a bhith a' cumail grèim daingeann air a' Cheann om bheil an corp gu lèir air a bheathachadh 's air a cheangal ri chèile tro uilt is cheanglaichean, a' fàs le fàs Dhè.


far nach eil Greugach no Iùdhach, timcheall‑ghearradh no neo‑thimcheall‑ghearradh, neach borb, Sitianach, tràill, saor; ach 's e Crìosd a h‑uile nì, agus tha e sa h‑uile nì.


Agus leigibh le sìth Dhè riaghladh nur cridheachan, chun an deach ur gairm dha‑rìribh ann an aon chorp; agus bithibh taingeil.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan