Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ephèsianach 1:19 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

19 agus dè a th' ann am mòralachd thar tomhas a' chumhachd‑san dhuinne a tha a' creidsinn, a rèir obrachaidh mhòir treise a' chumhachd

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

19 Agus ciod e ro‑mheud a chumhachd dar taobh-ne a tha a’ creidsinn, a rèir obrachadh a threun-neirt;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

19 Agus ciod e ro‑mheud a chumhachd dar taobh‐ne a tha a’ creidsinn, a rèir obrachadh a threun‐neirt;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

19 agus cho anabarrach mòr 's a tha an cumhachd a tha ag obrachadh annainne a tha a' creidsinn. 'S e seo an dearbh chumhachd neartmhor

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

19 Us ciod i moralachd ro bharraichte a chumhachd dha ʼr taobh-ne, a tha creidsinn a reir oibreachadh neart a chumhachd,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ephèsianach 1:19
19 Iomraidhean Croise  

An rud a th' air a bhreith on fheòil, is e feòil a th' ann, agus an rud a th' air a bhreith on Spiorad, is e spiorad a th' ann.


gus an sùilean fhosgladh, airson 's gum faod iad tionndadh o dhorchadas gu solas, o chumhachd Shàtain gu Dia, airson 's gum faod iad mathanas pheacaidhean fhaighinn agus àite am measg na feadhna a th' air an naomhachadh tro chreideamh annamsa.’


Oir chan eil nàire ormsa mun t‑soisgeul, oir is e cumhachd Dhè a th' ann airson slàinte dhan a h‑uile neach a chreideas, an toiseach dhan Iùdhach agus cuideachd dhan Ghreugach.


Ach tha an t‑ionmhas seo againn ann an soithichean crèadha, airson 's gum bi barrachdas a' chumhachd o Dhia 's chan ann uainne.


Mar sin, ma tha neach sam bith ann an Crìosd, 's e creutair ùr a th' ann, chaidh na seann rudan seachad, seallaibh, tha rudan ùra air tighinn.


Oir is sinne obair‑san, air ar cruthachadh ann an Crìosd Ìosa airson deagh obraichean, a dh'ullaich Dia ro‑làimh, airson 's gun coisicheamaid annta.


A‑nis dhàsan a tha an comas tòrr mòr nas pailte a dhèanamh thairis air nas urrainn dhuinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a' chumhachd a tha ag obrachadh annainn,


dhen robh mise air mo dhèanamh nam mhinistear, a rèir tiodhlac gràis Dhè, a chaidh a thoirt dhomh a rèir obrachaidh a chumhachd‑san.


Mu dheireadh, bithibh làidir san Tighearna agus ann an treise a chumhachd.


oir is e Dia a tha ag obrachadh annaibh, an dà chuid airson rùnachadh 's airson obrachadh a rèir a dheagh thoil fhèin.


a chruth‑atharraicheas corp ar staid iriosail gus a bhith co‑choltach ri corp a ghlòir fhèin, a rèir obrachaidh a' chumhachd a th' aige, eadhon a h‑uile sìon a chur fo cheannsal fhèin.


Airson an adhbhair seo cuideachd tha mi a' saothrachadh, a' dèanamh spàirn a rèir an obrachaidh aigesan a tha ag obrachadh annam le cumhachd.


às dèidh dhuibh a bhith adhlaicte còmhla ris‑san ann am baisteadh, anns an deach sibh cuideachd ur togail suas còmhla ris tro chreideamh ann an obrachadh Dhè, a thog suas esan o na mairbh.


oir cha tàinig ar soisgeul‑ne thugaibhse ann am facal a‑mhàin, ach cuideachd ann an cumhachd, agus san Spiorad Naomh, agus le mòran dearbhaidh, eadhon mar a tha fios agaibh air dè an seòrsa dhaoine a bh' annainne nur measg agus air ur son.


Air an adhbhar sin tha sinne cuideachd ag ùrnaigh an‑còmhnaidh air ur son‑se, gum biodh sibh air ur cunntadh airidh air gairm ar Dia agus gum biodh gach iarrtas math air a choileanadh, agus obair a' chreideimh le cumhachd.


Le a thoil fhèin ghin e sinn le facal na fìrinne, airson 's gum biodh sinne nar seòrsa de chiad‑toraidh de a chreutairean.


Ma bhruidhneas neach sam bith, dèanadh e sin mar neach a tha ag aithris faclan Dhè, ma mhinistrealaicheas neach sam bith, dèanadh e sin leis an neart a bheir Dia dha, gus am bi Dia air a ghlòrachadh sa h‑uile nì tro Ìosa Crìosd, dha bheil a' ghlòir agus an cumhachd fad saoghal nan saoghal. Amen.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan