Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ephèsianach 1:13 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

13 Annsan tha sibhse cuideachd, às dèidh dhuibh èisteachd ri facal na fìrinn, soisgeul ur sàbhalaidh, agus às dèidh dhuibh creidsinn ann, chaidh ur seuladh le Spiorad Naomh a' gheallaidh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

13 Anns an do chuir sibhse mar an ceudna dòchas, air dhuibh facal na fìrinn a chluinntinn, eadhon soisgeul ur slàinte: neach an dèidh dhuibh creidsinn ann, chuireadh seula oirbh le Spiorad Naomh sin a’ gheallaidh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

13 Anns an do chuir sibhse mar an ceudna dòchas, air dhuibh facal na fìrinn a chluinntinn, eadhon soisgeul ur slàinte: neach an dèidh dhuibh creidsinn ann, chuireadh seula oirbh le Spiorad Naomh sin a’ gheallaidh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

13 Agus nuair a chuala sibhse am facal fìrinneach, Deagh Sgeul ur slàinte, air dhòigh 's gun do chreid sibh e, chomharraich Dia sibh dha fhèin nuair a thug e dhuibh an Spiorad Naomh a chaidh a ghealltainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

13 Anns a bheil sibhse cuideachd, an deigh dhuibh facal na firinn a chluinntinn (soisgeul ur sabhalaidh), agus sibh a creidsinn ann, air ur comharrachadh le Spiorad naomh a ghealltanais,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ephèsianach 1:13
38 Iomraidhean Croise  

Mar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc ciamar a bheir sibh tiodhlacan matha dhur cloinn, nach mòr nas motha na sin a bheir an t‑Athair nèamhaidh an Spiorad Naomh dhaibhsan a dh'iarras airsan!”


Agus seallaibh, tha mise a' cur gealladh m' athar a‑mach oirbh; ach fanaibh‑se anns a' bhaile gus an tèid ur sgeadachadh le cumhachd on àirde.”


Oir chaidh an lagh a thoirt tro Mhaois; ach thàinig gràs agus fìrinn tro Ìosa Crìosd.


Ach an Neach‑Cuideachaidh, an Spiorad Naomh, a chuireas an t‑Athair a‑mach nam ainm‑sa, teagaisgidh esan dhuibh a h‑uile rud, agus cuiridh e an cuimhne dhuibh gach rud a thuirt mise ribh.


“Ach nuair a thig an Neach‑Cuideachaidh a chuireas mise thugaibh on Athair, Spiorad na Fìrinn, a tha a' tighinn a‑mach on Athair, bheir esan fianais mum dheidhinn‑sa.


Tha esan a ghabh ri fhianais‑san air dearbhadh gu bheil Dia fìor.


Na dèanaibh saothair airson a' bhìdh a thèid a dholaidh ach airson a' bhìdh a mhaireas chun na beatha sìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh. Oir airsan chuir Dia an t‑Athair a sheula.”


Agus fhad 's a bha e a' fuireach còmhla riutha dh'àithn e dhaibh gun Ierusalem fhàgail, ach feitheamh airson gealladh an Athar, “A chuala sibh uamsa,” ars esan,


“A bhràithrean, a chlann cinneach Abrahàim, agus iadsan nur measg air a bheil eagal Dhè, thugainne chaidh teachdaireachd na slàinte seo a chur.


Mar sin, air àrdachadh gu deas‑làimh Dhè agus air gealladh an Spioraid Naoimh fhaighinn on Athair, tha e air an rud seo a dhòrtadh a‑mach a tha sibhse a' faicinn agus a' cluinntinn.


Oir chan eil nàire ormsa mun t‑soisgeul, oir is e cumhachd Dhè a th' ann airson slàinte dhan a h‑uile neach a chreideas, an toiseach dhan Iùdhach agus cuideachd dhan Ghreugach.


Agus fhuair e comharra an timcheall‑ghearraidh mar sheula fìreantachd a chreideimh, fhad 's a bha e san neo‑thimcheall‑ghearradh, airson 's gum biodh e na athair dhaibhsan uile a chreid nuair a bha iad san neo‑thimcheall‑ghearradh, airson 's gum biodh fìreantachd air a chunntadh dhaibhsan cuideachd,


Ach taing do Dhia gu bheil sibhse a bha aon uair nar tràillean dhan pheacadh a‑nis umhail on chridhe, dhan deach an riochd‑teagaisg seo a thoirt,


a chuir a sheula oirnn cuideachd is a thug dhuinn an Spiorad nar cridheachan mar gheall.


ann am facal na fìrinne, ann an cumhachd Dhè, le airm na fìreantachd air an làimh dheis is chlì;


airson 's, ann an Crìosd Ìosa, gum faodadh beannachd Abrahàim tighinn air na Cinnich, airson 's gum faigheadh sinne gealladh an Spioraid tro chreideamh.


ma chuala sibh dha‑rìribh e is gun deach ur teagasg leis, mar a tha an fhìrinn ann an Ìosa,


Agus na cuiribh doilgheas air Spiorad Naomh Dhè, leis an deach seula a chur oirbh gu latha na saorsa.


Agus air sgàth seo tha sinne cuideachd a' toirt taing do Dhia gun sgur, nuair a fhuair sibh facal Dhè uainne, gun do ghabh sibh ris, cha b' ann mar fhacal dhaoine, ach mar a tha e dha‑rìribh, facal Dhè, a tha ag obair annaibhse cuideachd a tha a' creidsinn.


Dèan a h‑uile dìcheall thu fhèin a nochdadh dearbhte do Dhia, neach‑obrach gun nàire, a' mìneachadh facal na fìrinne gu ceart.


Ach tha bunait dhaingeann Dhè a' seasamh, agus an seula seo aice: “Is aithne dhan Tighearna iadsan a tha leis fhèin,” agus “A h‑uile neach a dh'ainmicheas ainm an Tighearna, fàgadh e neo‑fhìreantachd.”


agus gu bheil fios agad od òige air na Sgriobtaran naomha a tha comasach air do dhèanamh glic airson slàinte, tro chreideamh ann an Crìosd Ìosa.


Oir nochd gràs an Dè a tha a' toirt sàbhalaidh do gach duine,


ciamar a gheibh sinn dol‑às ma nì sinn dearmad air sàbhaladh cho mòr? Às dèidh dha a bhith air aithris leis an Tighearna, chaidh a dhaingneachadh dhuinn leothasan a chuala e.


Le a thoil fhèin ghin e sinn le facal na fìrinne, airson 's gum biodh sinne nar seòrsa de chiad‑toraidh de a chreutairean.


Mar sin, às dèidh gach salchar‑mì‑mhoralta is lìonmhorachd uilc a chur gu aon taobh, sealbhaichibh le macantas am facal a tha suidhichte, a tha comasach air ur n‑anman a shàbhaladh.


Sibhse, aig aon àm, nach robh nur sluagh, ach a‑nis a tha nur sluagh aig Dia; sibhse nach robh air tròcair fhaighinn ach a‑nis a tha air tròcair fhaighinn.


Agus chunnaic mi aingeal eile a' tighinn suas o èirigh na grèine, aig an robh seula an Dè bheò, agus dh'èigh e le guth àrd ris na ceithir ainglean, dhan deach a cheadachadh cron a dhèanamh air an talamh agus air a' mhuir,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan