Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ephèsianach 1:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 mar phlana airson lànachd na h‑ùine, gus a h‑uile nì a chruinneachadh ann an Crìosd, rudan sna nèamhan agus air an talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 A‑chum ann am frithealadh coileanadh nan aimsir, gun cruinnicheadh e ann an aon na h‑uile nithean ann an Crìosd, araon na nithean a tha air nèamh agus na nithean a tha air talamh, eadhon annsan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 A‑chum ann am frithealadh coileanadh nan aimsir, gun cruinnicheadh e ann an aon na h‑uile nithean ann an Crìosd, araon na nithean a tha air nèamh agus na nithean a tha air talamh, eadhon annsan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

10 'S e sin gun stiùireadh e a h‑uile rud a dh'ionnsaigh na h‑uaire anns am bi Crìosd na cheann air gach nì, an dà chuid air nèamh agus air thalamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Ann an riarachadh lanachd na h-aimsire, gu ath-nuadhachadh a h-uile ni, a tha air neamh agus air talamh, ann an Criosta agus annsan a mhain:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ephèsianach 1:10
29 Iomraidhean Croise  

Bidh a h‑uile nàisean air an cruinneachadh mu choinneamh, agus sgaraidh e o chèile iad, mar a sgaras buachaille na caoraich o na gobhair.


agus ag ràdh, “Chaidh an t‑àm a choileanadh, agus tha rìoghachd Dhè faisg. Dèanaibh‑se aithreachas agus creidibh an soisgeul!”


A‑nis thachair na rudan seo dhaibh mar eisimpleirean, ach bha iad air an sgrìobhadh sìos airson ar teagasg‑ne, air a bheil deireadh nan linntean air tighinn.


Ach tha mi ag iarraidh gun tuig sibh gur e ceann a h‑uile fir Crìosd, agus gur e ceann na mnà an duine, agus gur e ceann Chrìosd Dia.


Ach nuair a thàinig lànachd na h‑ùine, chuir Dia a Mhac fhèin a‑mach, air a bhreith o mhnaoi, air a bhreith fon lagh,


Agus chuir e a h‑uile sìon fo chasan Chrìosd, agus thug e esan mar cheann thairis air a h‑uile sìon dhan eaglais,


as e Lagh nan àitheantan a chaidh a chur sìos ann an òrduighean, airson 's, ann fhèin, gun dèanadh e an dithis nan aon duine nuadh, mar sin a' dèanamh sìth,


air a bheil gach teaghlach air nèamh 's air thalamh air an ainmeachadh,


mas e 's gun cuala sibh dha‑rìribh mu stiùbhardachd gràis Dhè a chaidh a thoirt dhomh air ur son‑se,


Oir leis‑san chaidh a h‑uile sìon a chruthachadh, air nèamh 's air thalamh, faicsinneach is neo‑fhaicsinneach, ge b' e àrd‑chathraichean no tighearnasan no uachdaranachdan no ùghdarrasan: is ann troimheasan 's air a shon‑san a chaidh a h‑uile sìon a chruthachadh.


agus troimhesan gum biodh a h‑uile sìon air a dhèanamh rèidh ris fhèin, às dèidh dha sìth a dhèanamh tro fhuil a chroinn‑ceusaidh‑san; troimhesan, tha mi ag ràdh, ge b' iad rudan a th' air talamh no rudan a th' air nèamh.


far nach eil Greugach no Iùdhach, timcheall‑ghearradh no neo‑thimcheall‑ghearradh, neach borb, Sitianach, tràill, saor; ach 's e Crìosd a h‑uile nì, agus tha e sa h‑uile nì.


anns na làithean deireannach seo bhruidhinn e rinne tro a Mhac, a thagh e na oighre air a h‑uile sìon, tron do rinn e an cruinne‑cè cuideachd.


on a bha Dia air rudeigin na b' fheàrr a sholarachadh air ar son, gus nach biodh iadsan air an dèanamh foirfe às ar n‑aonais.


Chan eil annta ach riaghailtean feòlmhora a chaidh àithne gu àm an leasachaidh aca.


Chaidh a ro‑aithneachadh dha‑rìribh ro leagail bhunaitean an t‑saoghail, ach chaidh a nochdadh anns na h‑amannan dheireannach dhuibhse,


Agus sheinn iad òran ùr, ag ràdh: “Is airidh thusa air an rolla a ghabhail agus air a sheulachan fhosgladh, oir chaidh do mharbhadh agus cheannaich thu daoine do Dhia led fhuil, às gach treubh is teanga is sluagh is nàisean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan