Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eòin 2:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Thuirt Ìosa, “Dè an gnothach a th' aige sin rinne, a bhoireannaich? Cha tàinig m' uair‑sa fhathast.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Thubhairt Iosa rithe, Ciod e mo ghnothach-sa riut, a bhean? Cha tàinig m’uair-sa fhathast.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Thubhairt Iosa rithe, Ciod e mo ghnothach‐sa riut, a bhean? Cha tàinig m’uair‐sa fhathast.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Us thuirt Iosa rithe: Ciod e sin domhsa us dutsa, a bhoirionnaich? cha n-eil mʼ uair-sa air tighinn fhathast.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eòin 2:4
20 Iomraidhean Croise  

An uair sin fhreagair Ìosa i, “Ò, a bhoireannaich, is mòr do chreideamh! Biodh e air a dhèanamh dhut mar a tha thu a' miannachadh!” Agus chaidh an nighean a dhèanamh slàn on uair sin fhèin.


Agus seall, dh'èigh iad, “Dè an gnothach a th' agad leinne, a Mhic Dhè? An tàinig thu an seo airson ar cur fo àmhghar ron àm?”


Agus thuirt esan riutha, “Carson a bha sibh gam shireadh? Nach robh fios agaibh gum feumainn‑sa a bhith ann an taigh m' Athar?”


Agus fhreagair Ìosa iad, “Tha an uair air tighinn airson Mac an Duine a bhith air a ghlòrachadh.


A‑nis ro Fhèill na Càisge, nuair a b' aithne do dh'Ìosa gun robh an uair aige air tighinn airson a dhol às an t‑saoghal seo chun an Athar, às dèidh dha a mhuinntir fhèin a bh' anns an t‑saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e chun an deiridh iad.


Nuair a theirig am fìon, thuirt màthair Ìosa ris, “Chan eil an còrr fìon aca.”


Agus thuirt iadsan rithe, “A bhoireannaich, carson a tha thu a' caoineadh?” Thuirt i, “A chionn 's gun tug iad air falbh mo Thighearna, agus nach eil fios agam càit an do chuir iad e.”


Thuirt Ìosa rithe, “A bhoireannaich, carson a tha thu a' caoineadh? Cò a tha thu a' lorg?” A' smaoineachadh gum b' e an gàirnealair a bh' ann, thuirt i ris, “A thighearna, ma thug thusa leat e, innis dhòmhsa càit an do chuir thu e, agus bheir mise air falbh e.”


Dh'fheuch iad ri a ghlacadh, ach cha do chuir neach sam bith làmh air, a chionn 's nach robh an uair aige fhathast air tighinn.


Mar sin thuirt Ìosa riutha, “Cha tàinig m' àm‑sa fhathast; ach tha ur n‑àm‑se an‑còmhnaidh ann.


Rachaibh‑se suas chun na Fèille. Chan eil mise a' dol suas chun na Fèille seo, oir chan eil m' àm fhathast air a choileanadh.”


Dh'aithris Ìosa na briathran seo ann an ionad an ionmhais, fhad 's a bha e a' teagasg anns an teampall. Ach cha do ghlac neach sam bith e, oir cha robh an uair aige fhathast air tighinn.


Mar sin, à seo suas chan aithne dhuinn duine sam bith a rèir na feòla; fiù 's ged a b' aithne dhuinn Crìosd a rèir na feòla, ach a‑nis chan aithne dhuinn e mar seo tuilleadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan