Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eòin 1:41 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

41 B' e a' chiad rud a rinn Anndra a bhràthair Sìmon a lorg agus innse dha, “Fhuair sinn am Mesiah” ('s e sin Crìosd).

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

41 Fhuair esan air tùs a bhràthair fhèin Sìmon, agus thubhairt e ris, Fhuair sinne am Mesias, is e sin, air eadar-theangachadh, Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

41 Fhuair esan air tùs a bhràthair fhèin Sìmon, agus thubhairt e ris, Fhuair sinne am Mesias, is e sin, air eadar‐theangachadh, Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

41 Fhuair esan an toiseach a bhrathair Simon, us thuirt e ris: Fhuair sinn am Messias (se sin air eadar-theangachadh Criosta).

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eòin 1:41
21 Iomraidhean Croise  

“Seallaibh, bidh an òigh torrach agus beiridh i mac, agus gabhaidh iad Emanuel air” (a tha a' ciallachadh, ‘Dia còmhla rinn’).


Agus nuair a chunnaic iad sin, dh'aithris iad an rud a chaidh innse dhaibh mun phàiste seo.


Agus aig an uair sin fhèin thàinig i suas agus thòisich i air moladh a thoirt do Dhia agus air bruidhinn ma dheidhinn riuthasan uile aig an robh sùil ri saorsa Ierusaleim.


Fhuair Philip Natànael agus dh'innis e dha, “Fhuair sinne am fear mun do sgrìobh Maois anns an Lagh, agus mun do sgrìobh na fàidhean cuideachd – Ìosa o Nàsaret, mac Iòsaiph.”


Thuirt am boireannach ris, “Tha fios agam gu bheil am Mesiah (ris an canar Crìosd) a' tighinn. Nuair a thig esan, innsidh e a h‑uile rud dhuinn.”


mar a dh'ung Dia Ìosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh is le cumhachd, agus mar a chaidh e mun cuairt a' dèanamh maith agus gan slànachadh‑san uile a bh' air an claoidh leis an diabhal, oir bha Dia còmhla ris.


“Oir gu fìrinneach sa bhaile seo bha, air an cruinneachadh còmhla an aghaidh do sheirbheisich naoimh Ìosa, a dh'ung thu, an dà chuid Herod is Pontius Pìlat, còmhla ris na Cinnich is slòigh Israeil,


Tha sinn a' cur an cèill dhuibhse an rud a chunnaic agus a chuala sinn airson 's gum bi co‑chomann agaibhse cuideachd leinne. Agus tha an co‑chomann againne gu deimhinn còmhla ris an Athar agus ri a Mhac, Ìosa Crìosd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan