Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eòin 1:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Bha e anns an t‑saoghal, agus ged a chaidh an saoghal a dhèanamh troimhe, cha do dh'aithnich an saoghal e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Bha e anns an t‑saoghal, agus rinneadh an saoghal leis, agus cha d’aithnich an saoghal e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Bha e anns an t‑saoghal, agus rinneadh an saoghal leis, agus cha d’aithnich an saoghal e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Bha e anns an t-saoghal, ʼs rinneadh an saoghal leis, ʼs cha bʼ aithne do ʼn t-saoghal e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eòin 1:10
23 Iomraidhean Croise  

Chaidh a h‑uile rud a thoirt dhòmhsa lem Athair, agus chan aithne do neach sam bith am Mac ach an t‑Athair; cha mhotha as aithne do neach sam bith an t‑Athair ach am Mac agus neach sam bith dhan toigh leis a' Mhac fhoillseachadh.


Thàinig e gu a chuid fhèin, ach cha do ghabh a chuid fhèin ris.


Chan fhaca neach sam bith Dia riamh, ach rinn Dia an t‑Aonghin Mic, a tha ann an com an Athar, follaiseach e.


Chaidh a h‑uile rud a dhèanamh troimhesan; agus às aonais‑san cha deach aon rud a dhèanamh a chaidh a dhèanamh.


Tha an solas a' soillseachadh anns an dorchadas, ach cha tug an dorchadas buaidh air.


“O Athair ionraic, fiù 's ged nach aithne dhan t‑saoghal thusa, is aithne dhòmhsa thu, agus is aithne dhan fheadhainn seo gun do chuir thusa a‑mach mi.


Ach fhreagair Ìosa iad, “Tha m' Athair ag obair chun a seo, agus tha mise ag obair.”


A dh'aindeoin sin, cha do dh'fhàg e e fhèin gun fhianais, oir rinn e math le bhith a' toirt uisge dhuibh o nèamh agus ràithean torrach, a' sàsachadh ur cridheachan le biadh is aoibhneas.”


Oir a chionn 's ann an gliocas Dhè nach b' aithne dhan t‑saoghal Dia tro ghliocas, thoilich e Dia, tro amaideas na tha sinn a' searmonachadh, iadsan a chreideas a shàbhaladh.


Cha do thuig gin de riaghladairean an t‑saoghail seo, oir nan robh iad air tuigsinn, cha bhiodh iad air Tighearna na glòire a cheusadh.


chan eil ann dhuinne ach aon Dia, an t‑Athair, bhon a bheil a h‑uile sìon agus dham bheil sinn beò, agus aon Tighearna, Ìosa Crìosd, trom bheil a h‑uile sìon agus trom bheil sinn beò.


Oir leis‑san chaidh a h‑uile sìon a chruthachadh, air nèamh 's air thalamh, faicsinneach is neo‑fhaicsinneach, ge b' e àrd‑chathraichean no tighearnasan no uachdaranachdan no ùghdarrasan: is ann troimheasan 's air a shon‑san a chaidh a h‑uile sìon a chruthachadh.


Tro chreideamh, tha sinne a' tuigsinn gun deach na saoghail a chruthachadh le facal Dhè airson 's gun tuig sinn nach deach na tha ri fhaicinn a chruthachadh o na tha faicsinneach.


Seallaibh an seòrsa gràidh a tha an t‑Athair air a thoirt dhuinn, gun deigheadh clann Dhè a ghabhail oirnn. Agus 's e sin a th' annainn! Mar sin, chan aithne dhan t‑saoghal sinn a chionn 's nach b' aithne dha esan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan