Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 9:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Tha an Spiorad Naomh a' nochdadh nach deach an t‑slighe a‑steach dhan Àite Naomh fhathast fhoillseachadh fhad 's a bha a' chiad phàillean fhathast na sheasamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Air a bhith don Spiorad Naomh a’ nochdadh seo, nach robh fhathast an t‑slighe a‑chum an ionaid a bu ro‑naoimhe air a foillseachadh, am feadh a bha an ciad phàillean fhathast na sheasamh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Air a bhith don Spiorad Naomh a’ nochdadh seo, nach robh fhathast an t‑slighe a‑chum an ionaid a bu ro‑naoimhe air a foillseachadh, am feadh a bha an ciad phàillean fhathast na sheasamh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 An Spiorad Naomh a ciallachadh le so, nach robh an rathad thun an Ionaid-naoimh air a dhianamh fhathast soilleir, fhad ʼsa bhiodh a chiad phaillion air a bonn:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 9:8
15 Iomraidhean Croise  

Agus dh'fhàs an leanabh, agus chaidh a neartachadh ann an spiorad, agus bha e anns an fhàsach gu latha an fhoillseachaidh phoblaich aige do dh'Israel.


Mar sin thuirt Ìosa riutha a‑rithist, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur mise doras nan caorach.


Is mise an doras; ma thig neach sam bith a‑steach tromhamsa, thèid a theàrnadh, agus thèid e a‑steach agus a‑mach, agus gheibh e ionaltradh.


Thuirt Ìosa ris, “Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a' bheatha. Cha tig neach sam bith chun an Athar ach tromhamsa.


Agus ag eas‑aontachadh nam measg fhèin, dh'fhàg iad às dèidh do Phòl aon rud a ràdh: “Bha an Spiorad Naomh ceart nuair a thuirt e ri ur n‑athraichean tron fhàidh Isaiah:


Agus an Sgriobtar, a' ro‑aithneachadh gum fìreanaicheadh Dia na Cinnich tro chreideamh, shearmonaich e an soisgeul ro‑làimh do dh'Abrahàm, ag ràdh, “Annadsa bidh na Cinnich gu lèir air am beannachadh.”


Oir troimhesan tha slighe a‑steach aig an dà chuid againn ann an aon Spiorad chun an Athar.


Agus tha an Spiorad Naomh cuideachd a' toirt fianais dhuinn. Oir às dèidh dha a ràdh:


Mar sin, mar a tha an Spiorad Naomh ag ràdh: “An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth,


agus air cùlaibh an dara cùrtair bha pàillean ris an can iad an t‑Àite ro‑Naomh,


Oir cha b' ann le toil duine a chaidh fàidheadaireachd a thoirt a‑mach aig àm sam bith, ach, air an giùlain leis an Spiorad Naomh, bhruidhinn daoine o Dhia.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan