Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 9:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 ach is e an t‑àrd‑shagart a‑mhàin a chaidh a‑steach dhan dara fear aon uair sa bhliadhna, agus cha do rinn e sin gun fhuil a thairgsinn air a shon fhèin 's airson pheacaidhean aineolais an t‑sluaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Ach don dara pàillean chaidh an t‑àrd-shagart na aonar a‑steach aon uair anns a’ bhliadhna, cha b’ann as eugmhais fala, a thug e suas air a shon fhèin, agus airson seachran an t‑sluaigh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Ach don dara pàillean chaidh an t‑àrd‐shagart na aonar a‑steach aon uair anns a’ bhliadhna, cha b’ann as eugmhais fala, a thug e suas air a shon fhèin, agus airson seachran an t‑sluaigh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Ach do ʼn ath phaillinn an t-ard-shagart ʼna aonar aon uair sa bhliadhna, cha n-ann gun fhuil, gus a tairgse air son ʼaineolais fhein agus aineolas a phobuill:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 9:7
23 Iomraidhean Croise  

air an dorchnachadh nan tuigse, nan coimhich do bheatha Dhè air sgàth an aineolais a th' annta, air sgàth cruas an cridhe,


Ach, anns na h‑ìobairtean sin, tha cuimhneachan air peacaidhean a h‑uile bliadhna.


agus tha sin againne mar acair stèidhichte is cinnteach dhar n‑anam, 's a tha a' dol a‑steach air taobh a‑staigh a' chùirtear


fear nach fheum ìobairt a thairgsinn a h‑uile latha mar na h‑àrd‑shagartan eile, anns a chiad àite airson a pheacaidhean fhèin agus an uair sin airson feadhna nan daoine, a chionn 's gun do rinn e sin aon uair a‑mhàin nuair a thairg e e fhèin.


agus air cùlaibh an dara cùrtair bha pàillean ris an can iad an t‑Àite ro‑Naomh,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan