Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 9:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Os a cionn, tha cherubim na glòire a' cur sgàile air cathair na tròcaire, rudan nach urrainn dhuinn bruidhinn mu dheidhinn gu mionaideach an‑dràsta.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus os a cionn, ceruban na glòire, a’ cur sgàile air cathair na tròcair; mu nach urrainn sinn a‑nis labhairt fa leth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus os a cionn, ceruban na glòire, a’ cur sgàile air cathair na tròcair; mu nach urrainn sinn a‑nis labhairt fa leth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Agus thairis oirre bha cherubim na gloire, a dianamh sgàile do chathair-na-trocaire, air nach ruigear a leas labhairt an drasda gu mion.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 9:5
15 Iomraidhean Croise  

a tha nan Israelich. Dhaibhsan buinidh an uchd‑mhacachd, is a' ghlòir, is na cùmhnantan, is tabhairt an lagha, is seirbheis Dhè, agus na geallaidhean.


airson 's gum biodh gliocas ioma‑fhillte Dhè a‑nis air a dhèanamh aithnichte tron eaglais dha na riaghladairean 's dha na h‑ùghdarrasan anns na h‑àiteachan nèamhaidh.


Bu chòir dhuinn tighinn ma‑thà le dànachd gu rìgh‑chathair nan gràs, airson 's gun tèid tròcair a thoirt dhuinn agus gum faigh sinn gràs airson cuideachaidh tràthail.


Chaidh fhoillseachadh dhaibh nach b' ann dhaib' fhèin ach dhuibhse a bha iad a' ministrealachadh nan rudan seo, a chaidh a‑nis an innse dhuibh tromhpasan a shearmonaich an deagh sgeul dhuibh san Spiorad Naomh, a chaidh a chur o nèamh, rudan air am miann le ainglean a bhith a' coimhead.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan