Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 9:28 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

28 mar sin cuideachd chaidh Crìosd a thairgsinn suas aon uair gus peacaidhean mhòrain a thoirt air falbh agus bidh e air fhaicinn an dara h‑uair gun pheacadh leothasan a tha ga fheitheamh airson sàbhalaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

28 Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh-san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

28 Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh‐san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

28 Mar sin cuideachd chaidh Criosta thairgse suas aon uair gu peacannan morain a ghlanadh air falbh: an ath uair gun pheacannan fiachaidh e e fhein dhaibh-san, a tha an duil ris, gu sabhaladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 9:28
42 Iomraidhean Croise  

dìreach san dòigh anns nach tàinig Mac an Duine airson 's gun deigheadh frithealadh a dhèanamh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus airson a bheatha fhèin a thoirt mar èirig airson mhòran.”


“Nuair a thig Mac an Duine na ghlòir, agus na h‑ainglean naomha uile còmhla ris, suidhidh e an uair sin air rìgh‑chathair a ghlòire.


oir is i seo m' fhuil‑sa, fuil a' chùmhnaint, a tha air a dòrtadh a‑mach airson mhòran airson mathanas pheacaidhean.


Agus ma thèid mi agus gun ullaich mi àite dhuibh, thig mi a‑rithist, agus gabhaidh mi sibh thugam fhèin, airson 's far a bheil mise, gum bi sibhse cuideachd.


agus thuirt iad, “Fheara Ghalile, carson a tha sibh a' seasamh a' coimhead a nèamh? An t‑Ìosa seo a chaidh a thogail suas uaibh do nèamh, thig e san aon dòigh sam faca sibh e a' dol do nèamh.”


a rùnaich Dia mar ìobairt‑rèitich leis an fhuil aige, air a shealbhachadh tro chreideamh. Bha seo airson fìreantachd Dhè fhoillseachadh, a chionn 's na fhad‑fhulangas gun robh e air gabhail seachad air peacaidhean a chaidh an dèanamh roimhe. Bha e airson an fhìreantachd aigesan fhoillseachadh sa cheart àm seo, airson 's gum biodh e cothromach is na fhear‑fhìreanachaidh dhan neach aig a bheil creideamh ann an Ìosa.


Ach chan eil an saor‑thiodhlac coltach ris a' pheacadh. Oir ma bhàsaich mòran tro pheacadh aon duine, is motha gu mòr a tha gràs Dhè agus tiodhlac gràis an aon duine sin, Ìosa Crìosd, air a bhith lìonmhor do mhòran.


Oir am bàs a bhàsaich e, bhàsaich e dhan pheacadh, aon uair a‑mhàin, ach on a tha e beò, tha e beò do Dhia.


Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinne cuideachd, aig a bheil ciad‑thoradh an Spioraid, ag osnaich annainn fhèin, a' feitheamh gu dealasach ri uchd‑mhacachd mar mhic – ath‑cheannach ar cuirp.


Oir rinn Dia an rud nach b' urrainn dhan lagh – air a lagachadh leis an fheòil – a dhèanamh, a' cur a Mhic fhèin ann an coltas feòla peacaich agus airson peacaidh, dhìt e am peacadh san fheòil,


airson 's nach eil sibh a dhìth tiodhlac spioradail sam bith, fhad 's a tha sibh a' feitheamh air taisbeanadh ar Tighearna Ìosa Crìosd,


Ach nuair a chuireas an corp truaillidh seo neo‑thruaillidheachd air, agus a chuireas an corp bàsmhor seo neo‑bhàsmhorachd air, an uair sin thèid am facal a tha sgrìobhte a choileanadh, “Chaidh am bàs a shlugadh suas ann am buaidh.”


agus gus feitheamh ri a mhac‑san o nèimh, a thog esan o na mairbh – Ìosa, an neach a shaor sinn on fheirg a tha ri thighinn.


A‑nis tha sinn ag iarraidh oirbh a bhràithrean, a thaobh tighinn ar Tighearna Ìosa Crìosd, agus ar cruinneachadh thuige,


Mu dheireadh tha crùn fìreantachd air a thasgadh suas dhomh, a bheir an Tighearna, am breitheamh fìreanta, dhomh san latha sin agus chan ann a‑mhàin dhòmhsa ach cuideachd dhaibhsan uile a ghràdhaich a thighinn‑san.


an dùil ris an dòchas bheannaichte agus ri nochdadh glòir ar Dè mhòir 's ar Slànaigheir Ìosa Crìosd.


Nach eil iad uile nan spioradan‑frithealaidh, air an cur a‑mach gus seirbheis a dhèanamh dhaibhsan a tha an impis sàbhaladh fhaighinn mar oighreachd?


agus tha sinne air ar naomhachadh leis an toil seo, tro thairgsinn chuirp Ìosa Crìosd aon uair is gu sìorraidh.


Leanaibh sìth leis na h‑uile, agus naomhachd, oir às an aonais chan fhaic duine an Tighearna.


ciamar a gheibh sinn dol‑às ma nì sinn dearmad air sàbhaladh cho mòr? Às dèidh dha a bhith air aithris leis an Tighearna, chaidh a dhaingneachadh dhuinn leothasan a chuala e.


Oir chan eil àrd‑shagart againne nach urrainn co‑fhaireachdainn a nochdadh dhar laigsean; ach a chaidh a bhuaireadh anns gach rud coltach rinn fhèin, ach às aonais peacaidh.


Agus air a dhèanamh foirfe, chaidh a dhèanamh dhaibhsan uile a bheir ùmhlachd dha, na adhbhar sàbhalaidh sìorraidh,


fear nach fheum ìobairt a thairgsinn a h‑uile latha mar na h‑àrd‑shagartan eile, anns a chiad àite airson a pheacaidhean fhèin agus an uair sin airson feadhna nan daoine, a chionn 's gun do rinn e sin aon uair a‑mhàin nuair a thairg e e fhèin.


Ach chan ann airson e fhèin ìobradh gu tric, mar a nì an t‑àrd‑shagart a thèid a‑steach dhan ionad naomh gach bliadhna le fuil nach eil leis fhèin,


Ghiùlain esan fhèin ar peacaidhean na chorp air a' chraoibh, gus am bàsaicheadh sinne dhan pheacadh agus gus am biodh sinn beò do dh'fhìreantachd, “Leis na lotan aigesan chaidh ur slànachadh.”


Oir dh'fhuiling Crìosd cuideachd aon uair airson pheacaidhean, fìrean airson nan neo‑fhìrean, airson 's gun toireadh e sibhse gu Dia, às dèidh a bhith air a chur gu bàs san fheòil ach air a dhèanamh beò san Spiorad;


a' coimhead airson, 's ag iarraidh gu dùrachdach, tighinn latha Dhè leis am bi na nèamhan air an cur ma sgaoil le bhith air an losgadh agus na h‑eileamaidean air an leaghadh le bhith air an cur nan teine?


A mhuinntir ghràdhaichte, tha sinne a‑nis nar cloinn do Dhia, agus cha deach a dhèanamh follaiseach fhathast dè a bhios annainn. Ach tha fios againn nuair a nochdas e, gum bi sinn coltach ris, oir chì sinn e dìreach mar a tha e.


Ach tha fios agaibh gun do nochd esan gus ar peacaidhean a thoirt air falbh. Agus chan eil peacadh sam bith annsan.


cumaibh sib' fhèin ann an gràdh Dhè, a' feitheamh air tròcair ar Tighearna Ìosa Crìosd – gu beatha shìorraidh.


“Seallaibh! Tha e tighinn le na sgòthan, agus chì a h‑uile sùil e, eadhon iadsan a lot e; agus nì treubhan na talmhainn gu lèir caoidh air a shon.” 'S iad a nì. Amen.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan