Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 9:26 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

26 oir bhiodh aige ri fulang iomadh uair o thoiseach an t‑saoghail; ach a‑nis aig deireadh nan linntean, nochd e e fhèin aon uair airson mathanas pheacaidhean tro e fhèin ìobradh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

26 (Oir mar sin b’èiginn gum fuilingeadh e gu minig o thoiseach an t‑saoghail); ach a‑nis dh’fhoillsicheadh e aon uair ann an deireadh an t‑saoghail, a‑chum peacadh a chur air cùl trìd e fhèin ìobradh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

26 (Oir mar sin b’èiginn gum fuilingeadh e gu minig o thoiseach an t‑saoghail); ach a‑nis dh’fhoillsicheadh e aon uair ann an deireadh an t‑saoghail, a‑chum peacadh a chur air cùl trìd e fhèin ìobradh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

26 Air chaochla càs dhʼ fheumadh e bhith air fulang gu tric bho thùs an t-saoghail: ach a nis an deireadh linntean nochd e e fhein aon uair, gus am peacadh a sgrios le e fhein iobradh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 9:26
36 Iomraidhean Croise  

agus is e an nàmhaid a chuir iad an diabhal. Is e am fogharadh deireadh na linne, agus is iad na buanaichean na h‑ainglean.


“Dìreach mar a tha na luibhean air an cruinneachadh agus air an losgadh le teine, is ann mar sin a bhitheas aig deireadh na linne.


“An uair sin canaidh an Rìgh riuthasan air a làimh dheis, ‘Thigibh, sibhse a tha beannaichte lem Athair‑sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a th' air a deasachadh dhuibh o bhunait an t‑saoghail.


Air an ath latha chunnaic Eòin Ìosa a' tighinn thuige agus thuirt e, “Seallaibh, Uan Dhè, a tha a' toirt air falbh peacadh an t‑saoghail!


“Athair, is miann leam cuideachd gum biodh iadsan a thug thu dhomh còmhla rium far a bheil mise, airson 's gum faiceadh iad mo ghlòir a tha thusa air a thoirt dhomh a chionn 's gun do ghràdhaich thusa mi mus deach bunaitean an t‑saoghail a stèidheachadh.


A‑nis thachair na rudan seo dhaibh mar eisimpleirean, ach bha iad air an sgrìobhadh sìos airson ar teagasg‑ne, air a bheil deireadh nan linntean air tighinn.


A‑nis tha mi ag ràdh, cho fada 's a tha an t‑oighre na leanabh, chan eil e diofraichte ann an dòigh sam bith o sheirbheiseach, ged a tha e na thighearna de gach nì,


mar phlana airson lànachd na h‑ùine, gus a h‑uile nì a chruinneachadh ann an Crìosd, rudan sna nèamhan agus air an talamh.


agus coisichibh ann an gràdh, mar a ghràdhaich Crìosd sinne cuideachd 's a thug esan e fhèin air ar son, na thabhartas is na ìobairt chùbhraidh do Dhia.


Thug esan e fhèin seachad air ar son gus an saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e sluagh sònraichte dha fhèin, eudmhor mu dheagh obraichean.


anns na làithean deireannach seo bhruidhinn e rinne tro a Mhac, a thagh e na oighre air a h‑uile sìon, tron do rinn e an cruinne‑cè cuideachd.


agus tha sinne air ar naomhachadh leis an toil seo, tro thairgsinn chuirp Ìosa Crìosd aon uair is gu sìorraidh.


Ach esan, às dèidh dha aon ìobairt a thairgsinn airson pheacaidhean gu sìorraidh, shuidh e sìos air deas‑làimh Dhè,


Oir ma pheacaicheas sinn gu toileach às dèidh dhuinn eòlas fhaighinn air an fhìrinn, chan eil ìobairt airson pheacaidhean tuilleadh ann,


Oir, tha e do‑dhèanta do dh'fhuil tharbh 's ghobhar peacaidhean a thoirt air falbh.


Oir tha sinne a chreid a' dol a‑steach dhan fhois; mar a thuirt e: “Mar sin, mhionnaich mi nam fheirg Cha tèid iad a‑steach dham fhois.” Ged, gu deimhinn, a chaidh na h‑obraichean aige a chrìochnachadh bho stèidheachadh an t‑saoghail.


fear nach fheum ìobairt a thairgsinn a h‑uile latha mar na h‑àrd‑shagartan eile, anns a chiad àite airson a pheacaidhean fhèin agus an uair sin airson feadhna nan daoine, a chionn 's gun do rinn e sin aon uair a‑mhàin nuair a thairg e e fhèin.


Chan ann tro fhuil ghobhar 's laogh, ach tro fhuil fhèin a chaidh e a‑steach aon uair 's gu bràth dhan Àite Naomh, 's e air sàbhaladh sìorraidh fhaighinn.


nach motha na sin a ghlanas fuil Chrìosd – a thairig e fhèin, tron Spiorad Sìorraidh, neoichiontach do Dhia – ar cogais o obraichean marbha airson adhraidh a thoirt dhan Dia bheò?


Chaidh a ro‑aithneachadh dha‑rìribh ro leagail bhunaitean an t‑saoghail, ach chaidh a nochdadh anns na h‑amannan dheireannach dhuibhse,


Ghiùlain esan fhèin ar peacaidhean na chorp air a' chraoibh, gus am bàsaicheadh sinne dhan pheacadh agus gus am biodh sinn beò do dh'fhìreantachd, “Leis na lotan aigesan chaidh ur slànachadh.”


Oir dh'fhuiling Crìosd cuideachd aon uair airson pheacaidhean, fìrean airson nan neo‑fhìrean, airson 's gun toireadh e sibhse gu Dia, às dèidh a bhith air a chur gu bàs san fheòil ach air a dhèanamh beò san Spiorad;


A‑nis tha deireadh gach nì air teannadh dlùth, mar sin bithibh ciallach is sòbarra air sgàth ur n‑ùrnaighean.


Ach tha fios agaibh gun do nochd esan gus ar peacaidhean a thoirt air falbh. Agus chan eil peacadh sam bith annsan.


Tha an neach a tha ris a' pheacadh on diabhal, on a tha an diabhal air a bhith a' peacachadh on toiseach. B' ann air a shon seo a nochd Mac Dhè, airson 's gun cuireadh e às do dh'obraichean an diabhail.


Agus nì a h‑uile neach a tha a' còmhnaidh air an talamh adhradh dhi, iadsan aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar‑beatha an Uain, a chaidh a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail.


A' bhiast a chunnaic thu, bha i ann 's chan eil i ann, agus tha i gus tighinn a‑nìos às an Àibheis agus gus a dhol gu sgrios. Agus bidh iadsan a tha a' còmhnaidh air an talamh – aig a bheil ainmean nach eil air an sgrìobhadh ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail – fo iongnadh, nuair a chì iad a' bhiast a bha ann agus nach eil ann agus a bhitheas ann.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan