Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 8:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Chan ann a rèir a' chùmhnaint a rinn mi ris na h‑athraichean aca nuair a thug mi iad lem làimh airson an treòrachadh a‑mach à tìr na h‑Èipheit, oir cha do dh'fhan iad dìleas rim chùmhnant, agus cha robh cùram agam dhaibh, ars an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Chan ann a rèir a’ choicheangail a rinn mi rin athraichean, anns an là anns an do rug mi air làimh orra a‑chum an treòrachadh a‑mach à talamh na h‑Eiphit; do bhrìgh nach d’fhan iad ann am choicheangal, agus chuir mise suarach iadsan, tha an Tighearna ag ràdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Chan ann a rèir a’ choicheangail a rinn mi rin athraichean, anns an là anns an do rug mi air làimh orra a‑chum an treòrachadh a‑mach à talamh na h‑Èiphit; do bhrìgh nach d’fhan iad ann am choicheangal, agus chuir mise suarach iadsan, tha an Tighearna ag ràdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Cha n-ann a reir an tiomnaidh a rinn mi dha ʼn aithrichean, air an latha a rug mi air laimh orra, gus an toirt a mach á talamh na h-Eiphit: a chionn nach do lean iadsan ri mʼ thiomnadh; ʼs cha robh omhail agam dhaibh, os an Tighearna:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 8:9
44 Iomraidhean Croise  

Agus rug e air làimh air an duine dhall agus threòraich e a‑mach às a bhaile e, agus às dèidh dha smugaid a chur air a shùilean agus a làmhan a chur air, dh'fhaighnich e dha, “A bheil thu a' faicinn sìon?”


Agus a‑nis, seall, tha làmh an Tighearna ort, agus bidh thu dall 's gun comas a' ghrian fhaicinn.” Sa bhad thuit ceò is dorchadas air, agus chaidh e mun cuairt a' sireadh dhaoine a threòraicheadh air làimh e.


Threòraich an duine seo a‑mach iad, a' dèanamh iongantasan is chomharraidhean san Èipheit agus aig a' Mhuir Ruaidh agus san fhàsach thar ceathrad bliadhna.


Dh'èirich Saul on talamh, agus ged a bha a shùilean fosgailte, chan fhaca e sìon. Mar sin threòraich iad air làimh e is thug iad gu Damascas e.


Tha seo a' bruidhinn gu samhlachail, oir is iad seo dà cho‑cheangal: aon dhiubh o Bheinn Shinài a tha a' breith chloinne airson daorsa; is ise Hagar.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan