Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 8:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Ach a‑nis, fhuair esan ministrealachd a tha cho math nas fheàrr na an cùmhnant air a bheil esan na eadar‑mheadhanair, agus cùmhnant a tha stèidhichte air geallaidhean a tha nas fheàrr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Ach a‑nis fhuair e ministrealachd as ro‑fheàrr, a mheud is gu bheil e mar an ceudna na eadar-mheadhonair air coicheangal as fheàrr, a chaidh a dhaingneachadh air geallaidhean as fheàrr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Ach a‑nis fhuair e ministrealachd as ro‑fheàrr, a mheud is gu bheil e mar an ceudna na eadar‐mheadhonair air coicheangal as fheàrr, a chaidh a dhaingneachadh air geallaidhean as fheàrr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Ach a nis fhuair e ministreileachd nas fhearr, leis gum beil e ʼna eadar-mhiadhonair cuideachd air tiomnadh nas fhearr, a chaidh a steidheachadh air gealltanasan nas fhearr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 8:6
13 Iomraidhean Croise  

Agus anns an aon dòigh an cupa, às dèidh dhaibh ithe, ag ràdh, “Is e seo cupa a' chùmhnaint nuaidh nam fhuil‑sa, a tha air a dòrtadh air ur son‑se.


a tha nan Israelich. Dhaibhsan buinidh an uchd‑mhacachd, is a' ghlòir, is na cùmhnantan, is tabhairt an lagha, is seirbheis Dhè, agus na geallaidhean.


cuimhnichibh gun robh sibh aig an àm sin dealaichte o Chrìosd, nur coimhich do cho‑fhlaitheachd Israeil 's nur coigrich do chùmhnantan a' gheallaidh, às aonais dòchais agus gun Dia san t‑saoghal.


Oir 's e aon Dia a th' ann, aon eadar‑mheadhanair cuideachd eadar Dia is daoine, an duine Crìosd Ìosa.


ann an dòchas na beatha shìorraidh a gheall Dia, nach dèan breug, ro linntean tìme,


agus Ìosa, eadar‑mheadhanair a' chùmhnaint nuaidh, agus fuil a' chrathaidh a tha ag ràdh rudan nas fheàrr na fuil Abeil.


Is ann gu math nas fheàrr a tha an cùmhnant dhan deach Ìosa a dhèanamh na bharantas.


Thug e dhuinne na geallaidhean mòra is prìseil, gus, tromhpa sin, gum biodh sibh nar luchd‑compàirt dhen nàdar diadhaidh, seach gun do theich sibh às on choirbteachd a th' anns an t‑saoghal tro ana‑miann.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan