Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 8:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Nam biodh e air talamh ma‑thà, cha bhiodh e na shagart, oir tha feadhainn ann a thairgeas tiodhlacan a rèir an lagha,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Oir nam biodh e air thalamh, cha bhitheadh e na shagart, do bhrìgh gu bheil sagartan ann a tha a’ tabhairt suas thìodhlac a rèir an lagha:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Oir nam biodh e air thalamh, cha bhitheadh e na shagart, do bhrìgh gu bheil sagartan ann a tha a’ tabhairt suas thìodhlac a rèir an lagha:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Nam biodh e ma ta air talamh, cha bhiodh e ʼna shagart: bhon a bhiodh feadhainn eile ann gu tobhartasan a thairgse suas a reir an lagha,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 8:4
11 Iomraidhean Croise  

Agus tha a h‑uile sagart a' seasamh gach latha a' frithealadh agus gu tric a' tairgsinn nan aon ìobairtean nach urrainn peacaidhean a thoirt air falbh a‑chaoidh.


Tro chreideamh, thairg Abel ìobairt na b' fheàrr do Dhia na rinn Càin, agus troimhpe chaidh cliù a thoirt dha mar dhuine ceart agus thug Dia seo dha mar thoradh air a thiodhlaicean, agus tro chreideamh, ged a fhuair e bàs, tha e fhathast a' bruidhinn.


Oir tha a h‑uile àrd‑shagart air a thoirt o mheasg dhaoine, air a shuidheachadh airson dhaoine sna rudan a tha a' buntainn do Dhia, gus tabhartasan is ìobairtean a thairgsinn airson pheacaidhean.


fear nach fheum ìobairt a thairgsinn a h‑uile latha mar na h‑àrd‑shagartan eile, anns a chiad àite airson a pheacaidhean fhèin agus an uair sin airson feadhna nan daoine, a chionn 's gun do rinn e sin aon uair a‑mhàin nuair a thairg e e fhèin.


Oir, tha a h‑uile àrd‑shagart air a thaghadh airson tiodhlacan is ìobairtean a thairgsinn suas, mar sin feumaidh rudeigin a bhith aigesan cuideachd airson a thairgsinn suas.


'S e samhladh a tha seo airson an ama seo, anns a bheil tiodhlacan 's ìobairtean air an tairgsinn nach urrainn dhan fhear‑adhraidh a dhèanamh foirfe a thaobh a chogais.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan