Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 8:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Oir, tha a h‑uile àrd‑shagart air a thaghadh airson tiodhlacan is ìobairtean a thairgsinn suas, mar sin feumaidh rudeigin a bhith aigesan cuideachd airson a thairgsinn suas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Oir tha gach uile àrd-shagart air òrdachadh a‑chum tìodhlacan agus ìobairtean a thoirt suas: uime sin b’èiginn gum biodh aig an duine seo mar an ceudna nì‑eigin ra thabhairt suas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Oir tha gach uile àrd‐shagart air òrdachadh a‑chum tìodhlacan agus ìobairtean a thoirt suas: uime sin b’èiginn gum biodh aig an duine seo mar an ceudna nì‑eigin ra thabhairt suas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Oir tha h-uile ard-shagart air orduchadh gu tobhartasan us iobairtean a thairgse suas: bho sin is fheudar ni-eigin a bhith aige-san cuideachd gus a thairgse suas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 8:3
14 Iomraidhean Croise  

Is mise an t‑aran beò a thàinig a‑nuas o nèamh. Ma dh'itheas neach sam bith dhen aran seo, bidh e beò gu sìorraidh; agus an t‑aran a bheir mise uam, is e m' fheòil a th' ann, airson beatha an t‑saoghail.”


a bh' air a thoirt thairis airson ar peacaidhean agus a bh' air a thogail airson ar fìreanachaidh.


Oir fhad 's a bha sinn fhathast lag, aig an àm cheart bhàsaich Crìosd airson nam mì‑dhiadhaidh.


Ach tha Dia a' moladh a ghràidh fhèin dhuinne ann an seo: fhad 's a bha sinn fhathast nar peacaich, bhàsaich Crìosd air ar son.


agus cha mhise tuilleadh a tha beò, ach Crìosd a tha beò annamsa. Agus a' bheatha a tha mi a‑nis a' caitheamh san fheòil tha mi a' caitheamh tro chreideamh ann am Mac Dhè, a thug gràdh dhomh agus a thug e fhèin seachad air mo shon.


agus coisichibh ann an gràdh, mar a ghràdhaich Crìosd sinne cuideachd 's a thug esan e fhèin air ar son, na thabhartas is na ìobairt chùbhraidh do Dhia.


Thug esan e fhèin seachad air ar son gus an saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e sluagh sònraichte dha fhèin, eudmhor mu dheagh obraichean.


Air an adhbhar sin, bha e mar fhiachaibh air a bhith air a dhèanamh coltach ri a bhràithrean sa h‑uile sìon, airson 's gum biodh e na àrd‑shagart tròcaireach agus dìleas anns na bhuineadh do Dhia, gus rèite a dhèanamh airson pheacaidhean an t‑sluaigh.


Mar sin, a bhràithrean naomha, aig a bheil compàirt sa ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near an t‑abstol agus àrd‑shagart ar n‑aideachaidh, Ìosa.


Oir tha a h‑uile àrd‑shagart air a thoirt o mheasg dhaoine, air a shuidheachadh airson dhaoine sna rudan a tha a' buntainn do Dhia, gus tabhartasan is ìobairtean a thairgsinn airson pheacaidhean.


fear nach fheum ìobairt a thairgsinn a h‑uile latha mar na h‑àrd‑shagartan eile, anns a chiad àite airson a pheacaidhean fhèin agus an uair sin airson feadhna nan daoine, a chionn 's gun do rinn e sin aon uair a‑mhàin nuair a thairg e e fhèin.


Nam biodh e air talamh ma‑thà, cha bhiodh e na shagart, oir tha feadhainn ann a thairgeas tiodhlacan a rèir an lagha,


nach motha na sin a ghlanas fuil Chrìosd – a thairig e fhèin, tron Spiorad Sìorraidh, neoichiontach do Dhia – ar cogais o obraichean marbha airson adhraidh a thoirt dhan Dia bheò?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan