Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 8:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 A‑nis, 's e seo geàrr‑chunntas dhe na chaidh a ràdh: tha an seòrsa seo de dh'àrd‑shagart againn; shuidh e sìos air deas‑làimh rìgh‑chathair na mòrachd anns na nèamhan,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis is e seo suim nan nithean a labhair sinn: tha a shamhail sin de Àrd-shagart againn, a tha a’ suidhe air deis rìgh-chathair na mòrachd anns na nèamhan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 A‑nis is e seo suim nan nithean a labhair sinn: tha a shamhail sin de Àrd‐shagart againn, a tha a’ suidhe air deis rìgh‐chathair na mòrachd anns na nèamhan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 A nis se so suim nan nichean air na labhair sinn: Tha ard-shagart mar so againn, a tha ʼna shuidhe air deas laimh cathair na moralachd ann am flathanas,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 8:1
21 Iomraidhean Croise  

Mar sin an uair sin, às dèidh dhan Tighearna Ìosa bruidhinn riutha, chaidh a thoirt suas gu nèamh agus shuidh e air deas‑làimh Dhè.


dham bheil mi nam thosgaire ann an sèidhnichean, airson 's gum bruidhinn mi gu dàna mu dheidhinn, mar as còir dhomh bruidhinn.


Mar sin ma chaidh ur togail suas còmhla ri Crìosd, siribh na rudan a tha shuas, far a bheil Crìosd na shuidhe aig deas‑làimh Dhè.


Ach cò dhe na h‑ainglean ris an tuirt e riamh: “Suidh air mo dheas‑làimh gus an suidhich mi do nàimhdean nan stòl airson do chasan”?


Is esan deàrrsadh a ghlòir‑san agus fìor ìomhaigh a shusbaint, a' cumail suas a h‑uile sìon le facal a chumhachd, às dèidh dha peacaidhean a ghlanadh air falbh, shuidh e air deas‑làimh na mòrachd sna h‑àrdan.


Ach esan, às dèidh dha aon ìobairt a thairgsinn airson pheacaidhean gu sìorraidh, shuidh e sìos air deas‑làimh Dhè,


a' coimhead air Ìosa, ceannard is fear‑crìochnachaidh ar creideimh, esan a dh'fhuiling an crann‑ceusaidh airson an aoibhneis a bha roimhe, a' dèanamh dìmeas air a nàire agus a shuidh air deas‑làimh rìgh‑chathair Dhè.


Air an adhbhar sin, bha e mar fhiachaibh air a bhith air a dhèanamh coltach ri a bhràithrean sa h‑uile sìon, airson 's gum biodh e na àrd‑shagart tròcaireach agus dìleas anns na bhuineadh do Dhia, gus rèite a dhèanamh airson pheacaidhean an t‑sluaigh.


Mar sin, a bhràithrean naomha, aig a bheil compàirt sa ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near an t‑abstol agus àrd‑shagart ar n‑aideachaidh, Ìosa.


Mar sin, on a tha àrd‑shagart mòr againn a chaidh a‑steach tro na nèamhan, Ìosa Mac Dhè, cumamaid gu daingeann ar n‑aidmheil.


Dhàsan a bhuadhaicheas bheir mi dha suidhe leam air mo rìgh‑chathair, eadhon mar a bhuadhaich mise agus a shuidh mi lem Athair air a rìgh‑chathair‑san.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan