Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 7:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Air an aon làimh, is iad daoine bàsmhor a gheibh na deicheamhan; ach air an làimh eile gheibh esan iad dham bheil fianais air a thoirt gu bheil e fhathast beò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus an seo tha daoine a gheibh bàs a’ faotainn deichimh: ach an sin an tì aig a bheil fianais gu bheil e beò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus an seo tha daoine a gheibh bàs a’ faotainn deichimh: ach an sin an tì aig a bheil fianais gu bheil e beò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Agus an so gu dearbh tha daoine bàsmhor a faighinn dheicheamh: ach an sid tha fianuis aige, gum beil e beo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 7:8
12 Iomraidhean Croise  

Ùine bheag fhathast agus chan fhaic an saoghal tuilleadh mi, ach chì sibhse mi. A chionn 's gu bheil mise beò, bidh sibhse beò cuideachd.


Thuirt Ìosa ris, “Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a' bheatha. Cha tig neach sam bith chun an Athar ach tromhamsa.


Oir nuair a chuala iad, cò a rinn ar‑a‑mach? Nach b' iadsan uile a thàinig a‑mach às an Èipheit le Maois?


Agus ann an àite eile, tha e ag ràdh: “Tha thu nad shagart gu bràth, a rèir òrduigh Mhelchisedeic.”


far an deach Ìosa, an ro‑ruitheadair, a‑steach air ar son‑ne, a chaidh a dhèanamh na àrd‑shagart gu sìorraidh a rèir òrduigh Mhelchisedeic.


Oir air aon làimh bha mòran nan sagartan, a chionn 's gun do chuir am bàs bacadh orra bhon a bhith maireann;


Gun teagamh sam bith, tha am fear as lugha air a bheannachadh leis an fhear as motha.


Agus dh'fhaodadh e a bhith air a ràdh gu robh aig Lèbhi fhèin, am fear a tha a' faighinn deicheamhan, ri deicheamhan a thoirt seachad tro dh'Abrahàm,


Oir dìreach mar a tha e air òrdachadh gum faigh daoine bàs aon uair agus às dèidh sin am breitheanas,


agus esan a tha beò, is a bha marbh, agus seall, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, agus tha iuchraichean a' bhàis is Ifrinn agam.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan