Eabhraidhich 7:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20177 Gun teagamh sam bith, tha am fear as lugha air a bheannachadh leis an fhear as motha. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 19927 Agus gun ag sam bith, beannaichear an tì as lugha leis an tì as fheàrr. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19927 Agus gun ag sam bith, beannaichear an tì as lugha leis an tì as fheàrr. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 18757 Agus gun ag air bith beannaichear na tha nas lugha le sin a tha nas fhearr. Faic an caibideil |
Agus feumaidh e a bhith air aideachadh gur mòr dìomhaireachd na diadhaidheachd: a bh' air fhoillseachadh san fheòil, air a dhearbhadh fìreanta leis an Spiorad, air fhaicinn le ainglean, air a shearmonachadh am measg nan Cinneach, a chaidh creidsinn ann anns an t‑saoghal, 's a bha air a thogail suas ann an glòir.