Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 7:28 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

28 Oir tha an lagh a' suidheachadh shagartan de dhaoine a tha buailteach air laigse, ach tha facal a' mhionna, a thàinig às dèidh an lagha, a' suidheachadh a' Mhac, foirfe gu sìorraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

28 Oir tha an lagh a’ dèanamh àrd-shagartan de dhaoine aig a bheil anfhainneachd; ach facal nam mionnan a bha an dèidh an lagha, a’ dèanamh Àrd-shagairt den Mhac, a tha air a dhèanamh iomlan gu sìorraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

28 Oir tha an lagh a’ dèanamh àrd‐shagartan de dhaoine aig a bheil anfhainneachd; ach facal nam mionnan a bha an dèidh an lagha, a’ dèanamh Àrd‐shagairt den Mhac, a tha air a dhèanamh iomlan gu sìorraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

28 Oir tha an lagh a dianamh shagart de dhaoine, a tha buailteach do laigse: ach rinn facal a mhionna, a tha an deigh an lagha, am Mac coimhlionta gu siorruidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 7:28
17 Iomraidhean Croise  

Fhreagair e, “Thallaibh agus innsibh dhan t‑sionnach sin, ‘Seall, tha mi a' tilgeil a‑mach dheamhan agus tha mi a' dèanamh leigheis an‑diugh is a‑màireach, agus air an treas latha crìochnaichidh mi m' obair.’


Mar sin nuair a bha Ìosa air am fìon‑geur a ghabhail, thuirt e, “Tha e crìochnaichte.” Agus chrom e a cheann is thug e suas a spiorad.


anns na làithean deireannach seo bhruidhinn e rinne tro a Mhac, a thagh e na oighre air a h‑uile sìon, tron do rinn e an cruinne‑cè cuideachd.


Oir bha e freagarrach dhàsan, dham bheil a h‑uile sìon 's trom bheil a h‑uile sìon, esan a dhèanamh foirfe a tha a' toirt iomadh mac gu glòir 's a tha na ùghdar dhen t‑sàbhalaidh tro fhulangasan.


Air an adhbhar sin, bha e mar fhiachaibh air a bhith air a dhèanamh coltach ri a bhràithrean sa h‑uile sìon, airson 's gum biodh e na àrd‑shagart tròcaireach agus dìleas anns na bhuineadh do Dhia, gus rèite a dhèanamh airson pheacaidhean an t‑sluaigh.


Mar sin, a bhràithrean naomha, aig a bheil compàirt sa ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near an t‑abstol agus àrd‑shagart ar n‑aideachaidh, Ìosa.


Ach tha Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe‑san, is sinne a thaigh ma chumas sinn gu deimhinn an dànachd 's an dòchas, cùis ar bòstaidh.


Mar sin, on a tha àrd‑shagart mòr againn a chaidh a‑steach tro na nèamhan, Ìosa Mac Dhè, cumamaid gu daingeann ar n‑aidmheil.


Mar sin cuideachd, cha do ghlòraich Crìosd e fhèin gus a bhith air a dhèanamh na àrd‑shagart, ach esan a thuirt ris: “Is tusa mo Mhac; an‑diugh ghin mi thu.”


agus chaidh esan a dhèanamh na fhear dhiubh le mionnan tron aon a thuirt ris: “Mhionnaich an Tighearna agus chan atharraich e inntinn: ‘Tha thu nad shagart gu bràth.’”


ach air an làimh eile tha an t‑sagartachd aigesan gu sìorraidh, a' chionn 's gum mair e gu bràth.


gun athair, gun mhàthair, gun shinnsireachd, gun toiseach làithean no deireadh beatha ach air a dhèanamh coltach ri Mac Dhè, fanaidh e na shagart gu sìorraidh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan