Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 7:27 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

27 fear nach fheum ìobairt a thairgsinn a h‑uile latha mar na h‑àrd‑shagartan eile, anns a chiad àite airson a pheacaidhean fhèin agus an uair sin airson feadhna nan daoine, a chionn 's gun do rinn e sin aon uair a‑mhàin nuair a thairg e e fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

27 Nach feum gach là mar na h‑àrd-shagartan ud ìobairtean a thoirt suas, air tùs airson a pheacaidhean fhèin, agus an dèidh sin airson peacaidhean an t‑sluaigh: oir rinn e seo aon uair, anns an àm anns an tug e e fhèin mar ìobairt.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

27 Nach feum gach là mar na h‑àrd‐shagartan ud ìobairtean a thoirt suas, air tùs airson a pheacaidhean fhèin, agus an dèidh sin airson peacaidhean an t‑sluaigh: oir rinn e seo aon uair, anns an àm anns an tug e e fhèin mar ìobairt.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

27 Nach ruig a leas a h-uile latha (mar shagairt eile), iobairtean a thairgse suas an toiseach air son a pheacannan fhein, a rithist air son peacannan a phobuill: oir rinn e so aon uair, le e fhein a thairgse suas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 7:27
23 Iomraidhean Croise  

Oir am bàs a bhàsaich e, bhàsaich e dhan pheacadh, aon uair a‑mhàin, ach on a tha e beò, tha e beò do Dhia.


anns a bheil sibhse cuideachd air ur togail còmhla gus a bhith nur n‑àite‑còmhnaidh do Dhia tron Spiorad.


agus coisichibh ann an gràdh, mar a ghràdhaich Crìosd sinne cuideachd 's a thug esan e fhèin air ar son, na thabhartas is na ìobairt chùbhraidh do Dhia.


Thug esan e fhèin seachad air ar son gus an saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e sluagh sònraichte dha fhèin, eudmhor mu dheagh obraichean.


Oir tha a h‑uile àrd‑shagart air a thoirt o mheasg dhaoine, air a shuidheachadh airson dhaoine sna rudan a tha a' buntainn do Dhia, gus tabhartasan is ìobairtean a thairgsinn airson pheacaidhean.


Is ann air a shon seo a dh'fheumas e tairgsinn airson a pheacaidhean fhèin a cheart cho math 's mar a nì e airson a shluaigh.


Nam biodh e air talamh ma‑thà, cha bhiodh e na shagart, oir tha feadhainn ann a thairgeas tiodhlacan a rèir an lagha,


Chan ann tro fhuil ghobhar 's laogh, ach tro fhuil fhèin a chaidh e a‑steach aon uair 's gu bràth dhan Àite Naomh, 's e air sàbhaladh sìorraidh fhaighinn.


nach motha na sin a ghlanas fuil Chrìosd – a thairig e fhèin, tron Spiorad Sìorraidh, neoichiontach do Dhia – ar cogais o obraichean marbha airson adhraidh a thoirt dhan Dia bheò?


Ach chan ann airson e fhèin ìobradh gu tric, mar a nì an t‑àrd‑shagart a thèid a‑steach dhan ionad naomh gach bliadhna le fuil nach eil leis fhèin,


oir bhiodh aige ri fulang iomadh uair o thoiseach an t‑saoghail; ach a‑nis aig deireadh nan linntean, nochd e e fhèin aon uair airson mathanas pheacaidhean tro e fhèin ìobradh.


mar sin cuideachd chaidh Crìosd a thairgsinn suas aon uair gus peacaidhean mhòrain a thoirt air falbh agus bidh e air fhaicinn an dara h‑uair gun pheacadh leothasan a tha ga fheitheamh airson sàbhalaidh.


ach is e an t‑àrd‑shagart a‑mhàin a chaidh a‑steach dhan dara fear aon uair sa bhliadhna, agus cha do rinn e sin gun fhuil a thairgsinn air a shon fhèin 's airson pheacaidhean aineolais an t‑sluaigh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan