Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 7:11 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

11 Mar sin, ma thàinig foirfeachd tron t‑sagartachd Lèbhitheach, on a fhuair daoine na laghannan aca air a' bhunait sin, carson a bha barrachd feum air sagart eile èirigh a rèir òrduigh Mhelchisedeic agus gun e idir air ainmeachadh a rèir òrdugh Aaroin?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 A‑nis nan tigeadh foirfeachd tre shagartachd nan Lèbhitheach (oir is ann ra linn a thugadh an lagh don t‑sluagh), ciod am feum a bha air sagart eile èirigh a rèir òrdagh Mhelchisedeic, agus nach biodh e air a ghairm a rèir òrdagh Aaroin?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 A‑nis nan tigeadh foirfeachd tre shagartachd nan Lèbhitheach, (oir is ann ra linn a thugadh an lagh don t‑sluagh), ciod am feum a bha air sagart eile èirigh a rèir òrdagh Mhelchisedeic, agus nach biodh e air a ghairm a rèir òrdagh Aaroin?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

11 Ma bha coimhliontachd ma ta ri faighinn leis an t-sagartachd lebhiteach (oir ʼsann foipe a fhuair am pobull an lagh), ciod am feum tuilleadh air sagart eile eirigh a reir ordugh Mhelchisedeic, ʼs nach biodh air a ghairm a reir ordugh Aaroin?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 7:11
17 Iomraidhean Croise  

Chan eil mi a' diùltadh gràs Dhè, oir nan robh fìreantachd tron lagh, 's ann gun adhbhar a fhuair Crìosd bàs.”


Mar sin cuideachd sinne, nuair a bha sinn nar leanabanan, bha sinn ann an daorsa fo phrionnsapalan bunasach an t‑saoghail.


Ach a‑nis on a tha sibh air aithne a dhèanamh air Dia, no nas fheàrr, tha sibh air ur n‑aithneachadh le Dia, ciamar as urrainn dhuibh tionndadh air ais a‑rithist gu prionnsapalan bunasach an t‑saoghail – 's iad lag is gun fhiach – dham bu toigh leibh a‑rithist a bhith fo dhaorsa?


air ainmeachadh le Dia mar àrd‑shagart a rèir òrduigh Mhelchisedeic.


Agus ann an àite eile, tha e ag ràdh: “Tha thu nad shagart gu bràth, a rèir òrduigh Mhelchisedeic.”


far an deach Ìosa, an ro‑ruitheadair, a‑steach air ar son‑ne, a chaidh a dhèanamh na àrd‑shagart gu sìorraidh a rèir òrduigh Mhelchisedeic.


oir bha e fhathast ann an corp athar nuair a thachair Melchisedec ris.


Oir ma tha atharrachadh air an t‑sagartachd tha e mar fhiachaibh cuideachd gum bi atharrachadh air an lagh,


oir buinidh am fear mun deach na rudan sin a ràdh do threubh eile, agus cha do rinn duine dhen treubh seo seirbheis aig an altair.


Agus gu deimhinn, tha e eadhon nas soilleire ma dh'èireas sagart eile coltach ri Melchisedec suas,


agus chaidh esan a dhèanamh na fhear dhiubh le mionnan tron aon a thuirt ris: “Mhionnaich an Tighearna agus chan atharraich e inntinn: ‘Tha thu nad shagart gu bràth.’”


Oir nam biodh a' chiad fhear gun choire, cha bhiodh adhbhar siridh ann airson àite dhan dara fear.


A‑nis, on a chaidh na rudan a chur an òrdugh mar seo, tha na sagartan a' dol a‑steach fad an t‑siubhail dhan chiad phàillean a' coileanadh na seirbheisean,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan