Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 6:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Oir tha e do‑dhèanta dhaibhsan a chaidh a shoillseachadh aon uair, a bhlais an tiodhlac nèamhaidh 's a chaidh an dèanamh nan compàirtich dhen Spiorad Naomh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Oir is eu‑comasach an dream sin a chaidh aon uair a shoillseachadh, agus a bhlais an tìodhlac nèamhaidh, agus a rinneadh nan luchd-compàirt den Spiorad Naomh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Oir is eu‑comasach an dream sin a chaidh aon uair a shoillseachadh, agus a bhlais an tìodhlac nèamhaidh, agus a rinneadh nan luchd‐compàirt den Spiorad Naomh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Oir is ni nach gabh dianamh, iadsan, a chaidh aon uair a shoilleireachadh, ʼsa bhlais a ghibht fhlathasach, ʼsa ghlac an Spiorad Naomh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 6:4
38 Iomraidhean Croise  

An uair sin falbhaidh e agus bheir e leis seachd spioradan eile nas uilce na e fhèin, is thèid iad a‑steach agus fanaidh iad an sin, is bidh staid dheireannach an duine sin nas miosa na a chiad staid. Is ann mar sin cuideachd a bhitheas leis a' ghinealach olc seo.”


“Is sibhse salann na talmhainn, ach ma tha an salann air a bhlas a chall, ciamar a thèid a dhèanamh saillte a‑rithist? Chan eil e feumail tuilleadh airson rud sam bith, ach airson a bhith air a thilgeil a‑mach agus air a shaltairt fo chasan dhaoine.


Mura fan neach annamsa, tha e air a thilgeil a‑mach mar ghèig agus a' crìonadh; agus tha iad gan cruinneachadh, gan tilgeil dhan teine agus gan losgadh.


Fhreagair Eòin, “Chan urrainn do neach rud fhaighinn ach na tha air a thoirt dha o nèamh.


Fhreagair Ìosa i, “Nam b' aithne dhut tiodhlac Dhè agus cò e a tha ag ràdh riut, ‘Thoir dhomh deoch,’ bhiodh tu air iarraidh airsan agus bhiodh e air uisge beò a thoirt dhut.”


An uair sin thuirt Ìosa riutha, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, cha b' e Maois a thug dhuibh an t‑aran o nèamh, ach 's e m' Athair‑sa a tha a' toirt dhuibh an arain fhìor o nèamh.


Agus ghabh na creidmhich a bha dhen timcheall‑ghearradh a bh' air tighinn còmhla ri Peadar iongnadh, a chionn 's gun robh tiodhlac an Spioraid Naoimh air a dhòrtadh a‑mach air na Cinnich cuideachd.


Mar sin, ma thug Dia an t‑aon thiodhlac dhaibhsan 's a thug e dhuinne nuair a chreid sinne san Tighearna Ìosa Crìosd, cò mise gum b' urrainn dhomh bacadh a chur air Dia?”


Agus thug Dia, dhan aithne an cridhe, fianais dhaibh, le bhith a' toirt an Spioraid Naoimh dhaibh dìreach mar a thug e dhuinne,


Ach thuirt Peadar ris, “Gun rachadh d' airgead a dhìth leat, a chionn 's gun do smaoinich thu gum b' urrainn dhut tiodhlac Dhè fhaighinn le airgead!


Oir tha fadachd orm ur faicinn, airson 's gum faod mi tiodhlac spioradail air choireigin a chompàirteachadh leibh airson ur neartachadh –


Nan suidheachadh‑san tha dia an t‑saoghail seo air inntinnean nan eas‑creidmheach a dhalladh, airson 's nach bi solas soisgeul glòir Chrìosd, as e ìomhaigh Dhè, air fhoillseachadh dhaibh.


Oir is e Dia, a thuirt, “À dorchadas soillsicheadh solas,” an t‑Aon a th' air deàlradh nar cridheachan airson solas eòlas glòir Dhè a thoirt dhuinn ann an aghaidh Ìosa Crìosd.


Is e seo an aon rud a tha mi ag iarraidh ionnsachadh uaibh: an d' fhuair sibh an Spiorad tro obraichean an lagha no tro èisteachd creideimh?


Mar sin, a bheil esan a tha a' toirt an Spioraid dhuibh agus ag obrachadh mhìorbhailean nur measg ga dhèanamh tro obraichean an lagha, no tro èisteachd creideimh?


– sùilean ur n‑inntinn a bhith air an soillseachadh airson 's gum bi fios agaibh dè an dòchas chun do ghairm e sibhse, dè a th' ann am beairteas glòir na h‑oighreachd aigesan sna naoimh,


Oir le gràs chaidh ur sàbhaladh tro chreideamh, agus sin chan ann uaib' fhèin; is e tiodhlac Dhè a th' ann


dhen robh mise air mo dhèanamh nam mhinistear, a rèir tiodhlac gràis Dhè, a chaidh a thoirt dhomh a rèir obrachaidh a chumhachd‑san.


Ach do gach aon againn chaidh gràs a thoirt a rèir tomhas tiodhlaic Chrìosd.


Na dèan dìmeas air an tiodhlac a th' annad, a chaidh a thoirt dhut tro fhàidheadaireachd còmhla ri sìneadh làmhan chomhairle nan èildear ort.


ann an ciùineas a' ceartachadh an fheadhainn a tha na aghaidh, gun fhios nach toir Dia dhaibh aithreachas gus an fhìrinn aideachadh,


Rinn Alecsander an ceàrd‑copair mòran rudan olc orm; pàighidh an Tighearna air ais e a rèir nan obraichean aige.


Ach cuimhnichibh air na làithean a dh'fhalbh, nuair a chaidh sibh tro dheuchainn mhòr‑fhulangais às dèidh dhuibh a bhith air ur soillseachadh:


Thug Dia fianais orrasan an dà chuid le comharraidhean 's le iongantasan agus caochladh ghnìomhan cumhachdach 's tiodhlacan an Spioraid Naoimh, a rèir a thoil fhèin.


Ma chì neach sam bith a bhràthair a' dèanamh peacaidh nach eil idir gu bàs, iarradh e, agus bheir Dia beatha dhàsan agus dhaibhsan nach eil a' dèanamh peacaidh a tha gu bàs. Tha peacadh ann a tha gu bàs. Chan eil mi ag ràdh gum bu chòir dha guidhe mun t‑seòrsa sin.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan