Eabhraidhich 6:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201710 Oir chan eil Dia cho neo‑fhìreanta 's gun dìochuimhnicheadh e ur saothair agus an gràdh a sheall sibh dha ainm, mar a rinn sibh frithealadh agus mar a tha sibh fhathast a' frithealadh dha na naoimh. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199210 Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme-san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199210 Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme‐san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187510 Oir cha n-eil Dia mi-cheart, an rathad ʼs gun leig e an diochuimhne ur dianadas, ʼs an gaol a dhʼ fhiach sibh ʼna ainm, sibhse a fhritheil, ʼsa tha frithealadh do na naoimh. Faic an caibideil |