Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 5:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Mar sin cuideachd, cha do ghlòraich Crìosd e fhèin gus a bhith air a dhèanamh na àrd‑shagart, ach esan a thuirt ris: “Is tusa mo Mhac; an‑diugh ghin mi thu.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Is amhail sin, cha do ghlòraich Crìosd e fhèin, gu bhith air a dhèanamh na Ard-shagart; ach an tì a thubhairt ris, Is tu mo Mhac, an‑diugh ghin mi thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Is amhail sin, cha do ghlòraich Crìosd e fhèin, gu bhith air a dhèanamh na Ard‐shagart; ach an tì a thubhairt ris, Is tu mo Mhac, an‑diugh ghin mi thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Mar sin cuideachd cha do ghloraich Criosta e fhein gu bhith air a dhianamh ʼna ard-shagart, ach esan a thuirt ris: Is tu mo Mhac, an diugh ghin mi thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 5:5
12 Iomraidhean Croise  

“Oir is ann mar seo a ghràdhaich Dia an saoghal: gun tug e aonghin Mhic fhèin, airson 's, ge b' e a chreideas ann, nach tèid a sgrios ach gum bi a' bheatha shìorraidh aige.


An neach a bhruidhneas uaithe fhèin, tha e a' lorg glòir air a shon fhèin, ach ge b' e a shireas glòir an aoin a chuir a‑mach e, tha esan fìrinneach; chan eil eucoir sam bith ann.


Fhreagair Ìosa, “Ma tha mi a' toirt glòir dhomh fhèin, chan eil nam ghlòir ach neoni. Is e m' Athair, a tha sibhse ag ràdh gur e ur Dia, a tha a' toirt glòir dhomh.


oir tha e air seo a choileanadh dhuinne, an cuid cloinne‑san, le bhith a' togail Ìosa, mar a tha cuideachd sgrìobhte san dara Salm: “‘Is tusa mo Mhac; An‑diugh ghin mi thu.’


Oir rinn Dia an rud nach b' urrainn dhan lagh – air a lagachadh leis an fheòil – a dhèanamh, a' cur a Mhic fhèin ann an coltas feòla peacaich agus airson peacaidh, dhìt e am peacadh san fheòil,


Aig iomadh àm 's ann an iomadh dòigh, bhruidhinn Dia o shean ris na h‑athraichean tro na fàidhean,


Oir, cò dhe na h‑ainglean ris an tuirt e riamh, “Is tusa mo mhac; an‑diugh ghin mi thu”? Agus a‑rithist, “Bidh mise nam Athair dha, agus bidh esan na Mhac dhòmhsa”?


Air an adhbhar sin, bha e mar fhiachaibh air a bhith air a dhèanamh coltach ri a bhràithrean sa h‑uile sìon, airson 's gum biodh e na àrd‑shagart tròcaireach agus dìleas anns na bhuineadh do Dhia, gus rèite a dhèanamh airson pheacaidhean an t‑sluaigh.


Mar sin, a bhràithrean naomha, aig a bheil compàirt sa ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near an t‑abstol agus àrd‑shagart ar n‑aideachaidh, Ìosa.


air ainmeachadh le Dia mar àrd‑shagart a rèir òrduigh Mhelchisedeic.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan