Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 5:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Is urrainn dha truas a ghabhail riuthasan a tha aineolach 's air seachran, a chionn 's gu bheil e fhèin cuideachd air a chuartachadh le laigse.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Neach a tha comasach air truas a ghabhail ris an dream a tha aineolach, agus air seachran: do bhrìgh gu bheil e fhèin mar an ceudna air a chuartachadh le anfhainneachd:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Neach a tha comasach air truas a ghabhail ris an dream a tha aineolach, agus air seachran: do bhrìgh gu bheil e fhèin mar an ceudna air a chuartachadh le anfhainneachd:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Aʼs urrainn truas a ghabhail riusan a tha aineolach agus air seachran: a chionn gum beil e fhein cuideachd air a chuairteachadh le laigse:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 5:2
24 Iomraidhean Croise  

Ach tha mise air ùrnaigh a dhèanamh air do shon‑sa nach fàg do chreideamh thu. Agus nuair a tha thu air tionndadh air ais, neartaich do bhràithrean.”


Ma dh'fheumas mi bòstadh, bòstaidh mi mu na rudan a bhuineas dham laigse.


Às leth a leithid seo de dhuine bòstaidh mi, ach às mo leth fhèin cha bhòst mi; ach na mo laigsean.


Tha fios agaibh gum b' ann air sgàth laigse cuirp a shearmonaich mi an soisgeul dhuibh an toiseach;


air an dorchnachadh nan tuigse, nan coimhich do bheatha Dhè air sgàth an aineolais a th' annta, air sgàth cruas an cridhe,


Bha mise roimhe toibheumach agus nam gheur‑leanmhainniche agus nam dhuine stràiceil, ach fhuair mi tròcair, oir nam aineolas rinn mi e ann an eas‑creideamh.


agus dèanaibh slighean dhìreach dhur casan, airson 's nach bi an neach a tha cuagach air a thionndadh gu aon taobh, ach air a leigheas.


Air an adhbhar sin, bha e mar fhiachaibh air a bhith air a dhèanamh coltach ri a bhràithrean sa h‑uile sìon, airson 's gum biodh e na àrd‑shagart tròcaireach agus dìleas anns na bhuineadh do Dhia, gus rèite a dhèanamh airson pheacaidhean an t‑sluaigh.


Oir, a chionn 's gun do dh'fhuiling e fhèin 's gun deach a bhuaireadh, tha e comasach air iadsan a tha fo bhuaireadh a chuideachadh.


Oir chan eil àrd‑shagart againne nach urrainn co‑fhaireachdainn a nochdadh dhar laigsean; ach a chaidh a bhuaireadh anns gach rud coltach rinn fhèin, ach às aonais peacaidh.


Oir tha an lagh a' suidheachadh shagartan de dhaoine a tha buailteach air laigse, ach tha facal a' mhionna, a thàinig às dèidh an lagha, a' suidheachadh a' Mhac, foirfe gu sìorraidh.


ach is e an t‑àrd‑shagart a‑mhàin a chaidh a‑steach dhan dara fear aon uair sa bhliadhna, agus cha do rinn e sin gun fhuil a thairgsinn air a shon fhèin 's airson pheacaidhean aineolais an t‑sluaigh.


Mo bhràithrean, ma thèid neach sam bith nur measg air seachran on fhìrinn, agus ma bheir cuideigin air tilleadh


Oir bha sibh mar chaoraich a bh' air seachran, ach a‑nis thill sibh gu buachaille agus fear‑coimhid ur n‑anman.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan