Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 5:12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 Oir, gu deimhinn, ged a bu chòir dhuibhse a bhith nur luchd‑teagaisg aig an àm seo, tha feum agaibh a‑rithist a bhith air ur teagasg mu phrionnsapalan bunasach fhaclan Dhè, agus tha sibh air tighinn gus feum a bhith agaibh air bainne 's chan ann air biadh làidir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Oir ged bu chòir dhuibh a rèir na h‑aimsir a bhith nur luchd-teagaisg, tha feum agaibh gun teagaisgeadh neach dhuibh a‑rìs ciod iad ciad-thoiseachan briathran Dhè; agus tha sibh air teachd a‑chum na h‑inbhe sin, gur mò tha bainne a dh’uireasbhaidh oirbh na biadh làidir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Oir ged bu chòir dhuibh a rèir na h‑aimsir a bhith nur luchd‐teagaisg, tha feum agaibh gun teagaisgeadh neach dhuibh a‑rìs ciod iad ciad‐thoiseachan briathran Dhè; agus tha sibh air teachd a‑chum na h‑inbhe sin, gur mò tha bainne a dh’uireasbhaidh oirbh na biadh làidir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 Oir ged bu chòir dhuibh a bhith a thaobh an ama ʼnur maighistirean, ʼsann tha feum agaibh air ur teagasg a rithist, ciod iad ciad phongan facail Dhe; ʼs gun dʼ fhàs sibh ʼnur sluagh aig a bheil feum air bainne, ʼs cha n-ann air biadh laidir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 5:12
23 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair Ìosa, “O, a ghinealaich eas‑creidmheich agus chlaoin, dè cho fada 's a bhios mi còmhla ribh? Dè cho fada 's a dh'fhuilingeas mi sibh? Thugaibh an seo thugamsa e.”


Agus fhreagair esan iad, “O a ghinealaich eas‑creidmhich, dè cho fada 's a bhios mi còmhla ribh? Dè cho fada 's a dh'fhuilingeas mi sibh? Thugaibh thugamsa e.”


Is e seo am fear a bha sa choitheanal san fhàsach còmhla ris an aingeal a bhruidhinn aig Beinn Shinài ris agus ri ar n‑athraichean; agus fhuair e briathran beò airson an toirt dhuinne.


Mòran sa h‑uile dòigh! An toiseach, chaidh briathran Dhè earbsadh dha na h‑Iùdhaich.


ach a dh'aindeoin sin, san eaglais b' fheàrr leam còig faclan a bhruidhinn lem inntinn airson 's gun teagaisginn daoine eile cuideachd, na deich mìle facal ann an teangaidh.


A bhràithrean, na bithibh nur leanabanan nur smaoineachadh; a dh'aindeoin sin bithibh nur leanabanan ann am mì‑rùn, ach ann an tuigse bithibh nur n‑inbhich.


Mar sin cuideachd sinne, nuair a bha sinn nar leanabanan, bha sinn ann an daorsa fo phrionnsapalan bunasach an t‑saoghail.


Mu dheireadh, mo bhràithrean, dèanaibh gàirdeachas san Tighearna. Chan eil e na thrioblaid sam bith dhòmhsa na h‑aon rudan a sgrìobhadh thugaibh, agus tha e na dhìon dhuibhse.


Leigibh le facal Dhè còmhnaidh a ghabhail annaibh gu saidhbhir, leis a h‑uile gliocas a' teagasg 's a' comhairleachadh a chèile le sailm is le laoidhean is le òrain spioradail, a' seinn le taingealachd nur cridheachan do Dhia.


Ach cuimhnichibh air na làithean a dh'fhalbh, nuair a chaidh sibh tro dheuchainn mhòr‑fhulangais às dèidh dhuibh a bhith air ur soillseachadh:


Tha mòran againn ri ràdh mu seo agus tha e doirbh a mhìneachadh on a tha sibh air fàs mall nur n‑èisteachd.


Oir tha a h‑uile fear a tha a' gabhail bainne aineolach air facal na fìreantachd, oir is e leanabh a th' ann.


Air an adhbhar sin, fàgamaid air chùl teagasg bunasach Chrìosd, gus a dhol air adhart gu inbheachd, gun bhunait a stèidheachadh a‑rithist airson aithreachais o obraichean mharbha agus creideimh ann an Dia,


Mar naoidheanan air an ùr‑bhreith, miannaichibh bainne spioradail fìor‑ghlan, gus am fàs sibh ann an sàbhalaidh leis,


Ma bhruidhneas neach sam bith, dèanadh e sin mar neach a tha ag aithris faclan Dhè, ma mhinistrealaicheas neach sam bith, dèanadh e sin leis an neart a bheir Dia dha, gus am bi Dia air a ghlòrachadh sa h‑uile nì tro Ìosa Crìosd, dha bheil a' ghlòir agus an cumhachd fad saoghal nan saoghal. Amen.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan