Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 4:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 a‑rithist tha e a' suidheachadh latha àraidh, “an‑diugh,” mar a tha e ag ràdh ann an Daibhidh às dèidh ùine cho fada, mar a chaidh a ràdh a‑cheana: “An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridheachan.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 A‑rìs, tha e a’ suidheachadh là àraidh, ag ràdh ann an Daibhidh, An‑diugh, an dèidh aimsir cho fada; mar a theirear, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 A‑rìs, tha e a’ suidheachadh là àraidh, ag ràdh ann an Daibhidh, An‑diugh, an dèidh aimsir cho fada; mar a theirear, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

7 Le dànachd naomha, uime sin, thèid sinn gu chathair‑ghràis; Is fàth gach gearain dòirtidh sinn na fhianais anns gach càs;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 A rithist tha e comharrachadh a mach latha araid, ʼs e cantuinn ann an Dài, An diugh, an deigh uine cho fada mar a dhʼ innseadh a cheana: An diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridheachan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 4:7
12 Iomraidhean Croise  

Thuirt esan riutha, “Ciamar mar sin a ghabhas Daibhidh, san spiorad, ‘a Thighearna’ air? Ag ràdh:


Oir thuirt Daibhidh fhèin tron Spiorad Naomh: “‘Thuirt an Tighearna rim Thighearna: “Suidh aig mo dheas‑làimh gus an cuir mi do nàimhdean fod chasan.”’


Oir tha Daibhidh fhèin ag ràdh ann an leabhar nan Salm: “‘Thuirt an Tighearna rim Thighearna: Suidh aig mo dheas‑làimh


“A bhràithrean, faodaidh mi a ràdh ribh le dànadas mun phrìomh‑athair Daibhidh, gun do bhàsaich e is gun deach adhlacadh, agus gu bheil an tuam aige againn gus an latha an‑diugh.


chunnaic e ro‑làimh is bhruidhinn e mu dheidhinn aiseirigh Chrìosd, nach robh e air a thrèigsinn do dh'Ifrinn; cha mhotha a chunnaic fheòil‑san truaillidheachd.


Agus ag eas‑aontachadh nam measg fhèin, dh'fhàg iad às dèidh do Phòl aon rud a ràdh: “Bha an Spiorad Naomh ceart nuair a thuirt e ri ur n‑athraichean tron fhàidh Isaiah:


Mar a tha e air a ràdh: “An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridheachan, mar anns an ar‑a‑mach.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan