Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 4:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Oir tha sinne a chreid a' dol a‑steach dhan fhois; mar a thuirt e: “Mar sin, mhionnaich mi nam fheirg Cha tèid iad a‑steach dham fhois.” Ged, gu deimhinn, a chaidh na h‑obraichean aige a chrìochnachadh bho stèidheachadh an t‑saoghail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Oir tha sinne a chreid a’ dol a‑steach do shuaimhneas, amhail a thubhairt e, Mar a thug mi mo mhionnan am fheirg, nach tèid iad a‑steach dom shuaimhneas: ged bha na h‑obraichean crìochnaichte o thoiseach an t‑saoghail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Oir tha sinne a chreid a’ dol a‑steach do shuaimhneas, amhail a thubhairt e, Mar a thug mi mo mhionnan am fheirg, nach tèid iad a‑steach dom shuaimhneas: ged bha na h‑obraichean crìochnaichte o thoiseach an t‑saoghail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

3 Gu borb cha bhuin ri laigse dhaoin caomh‑Shagart àrd an àigh; Tha chridhe làn de thruacantachd, tha anam làn de ghràdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Ach theid sinn a chreid a stigh gu fois; mar a thuirt e: Mar a mhionnaich mi na mʼ fheirg: Ma theid iad a stigh dha mʼ fhois; agus so gu dearbh nuair a bha oibrichean cruthachudh an t-saoghail air an criochnachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 4:3
15 Iomraidhean Croise  

Bha seo airson 's gun deigheadh an rud a choileanadh a chaidh a ràdh tron fhàidh: “Fosglaidh mi mo bheul ann an cosamhlachdan, cuiridh mi an cèill rudan a bha falaichte o thoiseach an t‑saoghail.”


“An uair sin canaidh an Rìgh riuthasan air a làimh dheis, ‘Thigibh, sibhse a tha beannaichte lem Athair‑sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a th' air a deasachadh dhuibh o bhunait an t‑saoghail.


dìreach mar a thagh e sinne annsan mus deach bunait an t‑saoghail a stèidheachadh, airson 's gum bitheamaid naomh agus neo‑choireach na làthair‑san. Ann an gràdh


Mar sin, mhionnaich mi nam fheirg ‘Cha tèid iad a‑steach dham fhois.’”


Oir tha sinn air tighinn gus a bhith nar compàirtichean de Chrìosd, ma ghleidheas sinn gu daingeann toiseach ar barantais chun an deiridh.


oir bhiodh aige ri fulang iomadh uair o thoiseach an t‑saoghail; ach a‑nis aig deireadh nan linntean, nochd e e fhèin aon uair airson mathanas pheacaidhean tro e fhèin ìobradh.


Chaidh a ro‑aithneachadh dha‑rìribh ro leagail bhunaitean an t‑saoghail, ach chaidh a nochdadh anns na h‑amannan dheireannach dhuibhse,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan