Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 4:14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

14 Mar sin, on a tha àrd‑shagart mòr againn a chaidh a‑steach tro na nèamhan, Ìosa Mac Dhè, cumamaid gu daingeann ar n‑aidmheil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 Do bhrìgh uime sin gu bheil againn Ard-shagart mòr, a chaidh a‑steach do na nèamhan, Iosa Mac Dhè, cumamaid gu daingeann ar n‑aidmheil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 Do bhrìgh uime sin gu bheil againn Ard‐shagart mòr, a chaidh a‑steach do na nèamhan, Iosa Mac Dhè, cumamaid gu daingeann ar n‑aidmheil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

14 Air 'n adhbhar sin thèid sinn gu dàn Ler n‑uile ghearan gus a làth'r; Is guidhidh sinn a chòmhnadh treun Gar cuideachadh an uair ar feum.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

14 Uime sin, bho na tha ard-shagart mor againn, a chaidh a stigh do fhlathanas, Iosa Mac Dhe, cumamaid gu daingeann ar n-aideachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 4:14
31 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig am buaireadair is thuirt e, “Mas tu Mac Dhè, can ris na clachan seo tionndadh nan aran.”


Toiseach soisgeul Ìosa Crìosd, Mac Dhè.


Mar sin an uair sin, às dèidh dhan Tighearna Ìosa bruidhinn riutha, chaidh a thoirt suas gu nèamh agus shuidh e air deas‑làimh Dhè.


Fhad 's a bha e gam beannachadh, dhealaich e riutha agus chaidh a thoirt suas gu nèamh.


agus thuirt iad, “Fheara Ghalile, carson a tha sibh a' seasamh a' coimhead a nèamh? An t‑Ìosa seo a chaidh a thogail suas uaibh do nèamh, thig e san aon dòigh sam faca sibh e a' dol do nèamh.”


Neach a dh'fheumas nèamh a ghabhail a‑steach gus an t‑àm nuair a thèid a h‑uile rud aiseag, air an do bhruidhinn Dia le beul nam fàidhean naomha aige o chionn fhada.


Cò a dhìteas? Is e Crìosd Ìosa a fhuair bàs – seadh barrachd air a sin, a bh' air a thogail, a tha aig deas‑làimh Dhè, a tha cuideachd a' dèanamh eadar‑ghuidhe air ar son.


Is aithne dhomh duine ann an Crìosd a chaidh a ghabhail suas dhan treas nèamh, ceithir bliadhna deug air ais – ge b' ann anns a' chorp no a‑mach às a' chorp, chan aithne dhomh, is aithne do Dhia.


Tro dhearbhadh an fhrithealaidh seo, bheir iad glòir do Dhia air sgàth ur n‑ùmhlachd do shoisgeul Chrìosd a rèir ur n‑aidmheil, agus airson fialaidheachd ur tabhartais dhaibh agus dhan a h‑uile duine,


Esan a chaidh sìos, is e sin fhèin cuideachd esan a chaidh suas fada os cionn nan nèamhan, airson 's gun lìonadh e a h‑uile sìon.)


Ach mun Mhac: “Tha do rìgh‑chathair, a Dhè, gu saoghal nan saoghal, slat‑rìoghail a' cheartais, slat‑rìoghail do rìoghachd‑sa.


Ach esan, às dèidh dha aon ìobairt a thairgsinn airson pheacaidhean gu sìorraidh, shuidh e sìos air deas‑làimh Dhè,


Gleidheamaid gu daingeann aideachadh ar dòchais gun a bhith eadar dà bharail, oir tha esan a thug an gealladh dìleas.


Nach ann nas miosa a shaoileas sibh a bhios am peanas a tha freagarrach dhàsan a shaltair Mac Dhè fo a chasan, a thruaill fuil a' chùmhnaint leis an deach a naomhachadh agus a thàmailtich Spiorad a' ghràis?


a' coimhead air Ìosa, ceannard is fear‑crìochnachaidh ar creideimh, esan a dh'fhuiling an crann‑ceusaidh airson an aoibhneis a bha roimhe, a' dèanamh dìmeas air a nàire agus a shuidh air deas‑làimh rìgh‑chathair Dhè.


Air an adhbhar sin, feumaidh sinn barrachd aire a thoirt dha na rudan a chuala sinn, air eagal 's gun èalaidh sinn air falbh.


Air an adhbhar sin, bha e mar fhiachaibh air a bhith air a dhèanamh coltach ri a bhràithrean sa h‑uile sìon, airson 's gum biodh e na àrd‑shagart tròcaireach agus dìleas anns na bhuineadh do Dhia, gus rèite a dhèanamh airson pheacaidhean an t‑sluaigh.


Mar sin, a bhràithrean naomha, aig a bheil compàirt sa ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near an t‑abstol agus àrd‑shagart ar n‑aideachaidh, Ìosa.


Oir tha sinn air tighinn gus a bhith nar compàirtichean de Chrìosd, ma ghleidheas sinn gu daingeann toiseach ar barantais chun an deiridh.


far an deach Ìosa, an ro‑ruitheadair, a‑steach air ar son‑ne, a chaidh a dhèanamh na àrd‑shagart gu sìorraidh a rèir òrduigh Mhelchisedeic.


agus a thuit air falbh, an t‑aithreachas aca ath‑nuadhachadh a‑rithist, oir tha iad a' ceusadh a‑rithist dhaib' fhèin Mac Dhè agus a' dèanamh culaidh‑mhagaidh phoblaich dheth.


gun athair, gun mhàthair, gun shinnsireachd, gun toiseach làithean no deireadh beatha ach air a dhèanamh coltach ri Mac Dhè, fanaidh e na shagart gu sìorraidh.


A‑nis, 's e seo geàrr‑chunntas dhe na chaidh a ràdh: tha an seòrsa seo de dh'àrd‑shagart againn; shuidh e sìos air deas‑làimh rìgh‑chathair na mòrachd anns na nèamhan,


Chan ann tro fhuil ghobhar 's laogh, ach tro fhuil fhèin a chaidh e a‑steach aon uair 's gu bràth dhan Àite Naomh, 's e air sàbhaladh sìorraidh fhaighinn.


Oir cha deach Crìosd a‑steach do dh'àite naomh a chaidh a dhèanamh le làmhan, samhla dhen fhìor fhear, ach do nèamh fhèin airson nochdadh mu choinneamh Dhè air ar son‑ne.


a tha aig deas làimh Dhè, às dèidh dha a dhol do nèamh, 's e air ainglean is ùghdarrasan is cumhachdan a chur fo smachd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan