Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 4:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Oir esan a chaidh a‑steach dhan fhois, ghabh e fois o na h‑obraichean aige cuideachd, mar a ghabh Dia o a chuid‑san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Oir an tì a chaidh a‑steach da shuaimhneas, ghabh esan tàmh o a obraichean, amhail a ghabh Dia o a obraichean fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Oir an tì a chaidh a‑steach da shuaimhneas, ghabh esan tàmh o a obraichean, amhail a ghabh Dia o a obraichean fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

10 Esan a sheas an àit a shluaigh, Dhòirt fhuil na 'n riochd, 's a laigh san uaigh, Tha cuimhneach orra fòs air nèamh, An Slànaighear 's an caraid sèimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Oir esan a chaidh a stigh gu fhois, ghabh e tamh bho ʼoibrichean, ceart mar a ghabh Dia bho oibrichean fhein.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 4:10
9 Iomraidhean Croise  

Mar sin nuair a bha Ìosa air am fìon‑geur a ghabhail, thuirt e, “Tha e crìochnaichte.” Agus chrom e a cheann is thug e suas a spiorad.


Is esan deàrrsadh a ghlòir‑san agus fìor ìomhaigh a shusbaint, a' cumail suas a h‑uile sìon le facal a chumhachd, às dèidh dha peacaidhean a ghlanadh air falbh, shuidh e air deas‑làimh na mòrachd sna h‑àrdan.


Ach esan, às dèidh dha aon ìobairt a thairgsinn airson pheacaidhean gu sìorraidh, shuidh e sìos air deas‑làimh Dhè,


Mar sin tha latha Sàbaid fhathast ann airson sluaigh Dhè.


Agus chuala mi guth o nèamh ag ràdh, “Sgrìobh! Is beannaichte na mairbh, iadsan a bhàsaicheas san Tìghearna, on a seo a‑mach.” “Seadh!” tha an Spiorad ag ràdh, “gus an gabh iad fois o na saothairean aca, oir leanaidh an obraichean iad.”


Agus chaidh culaidhean geala a thoirt do gach neach dhiubh agus chaidh a chantainn riutha fois a ghabhail airson ùine bhig fhathast, gus an deigheadh àireamh an co‑sheirbheisich 's am bràithrean cuideachd a choileanadh, iadsan a bha gus a bhith air am marbhadh mar a bha iad fhèin.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan