Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 4:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Mar sin, biodh eagal oirnn, fhad 's a tha gealladh againn a dhol a‑steach dha fhois‑san, air eagal 's gum biodh coltas ann nach ruigeadh neach sam bith agaibh air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Uime sin biodh faitcheas oirnn, air eagal air a bhith do ghealladh dol a‑steach da shuaimhneas air fhàgail againn, gun tigeadh aon neach agaibh a dhèidh-làimh air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Uime sin biodh faitcheas oirnn, air eagal air a bhith do ghealladh dol a‑steach da shuaimhneas air fhàgail againn, gun tigeadh aon neach agaibh a dhèidh‐làimh air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

1 Ìosa Mac Dhè, leig aon uair sìos a bheath airson a shluaigh, Tha nis a' tagradh 'n cùis air nèamh mar shagart treun bheir buaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Bithemid fo fhiamh ma ta, air eagal, le gealltanas dol a stigh gu fhois a threigsinn, gun saoilear gum biodh a h-aon air bith agaibh a dhʼ easbhuidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 4:1
28 Iomraidhean Croise  

Ach ma chanas an seirbheiseach aingidh ud na chridhe, ‘Tha mo mhaighstir a' dèanamh dàil,’


Mar sin, dèanaibh‑se aithreachas agus tionndaidhibh a‑rithist, airson 's gum bi ur peacaidhean air an glanadh às,


Tha sin fìor. Chaidh am briseadh dheth air sgàth an eas‑creideimh‑san, ach tha thusa a' seasamh gu daingeann tro chreideamh. Mar sin na bidh pròiseil, ach fo eagal.


oir pheacaich a h‑uile neach agus tha iad air tighinn goirid air glòir Dhè,


Mar sin gabhadh neach sam bith a shaoileas gu bheil e a' seasamh an aire nach tuit e.


Agus ag obrachadh còmhla ris, tha sinne cuideachd a' dèanamh tagradh ribh gun gràs Dhè a ghabhail gu dìomhain.


Chaidh ur gearradh às o Chrìosd, sibhse a tha a' sireadh a bhith air ur fìreanachadh tron lagh; thuit sibh o ghràs.


Ma tha sinn mì‑dhìleas, fanaidh esan dìleas, oir chan urrainn dha e fhèin àicheadh.


Thugaibh deagh aire nach bi dìth gràs Dhè air duine, air eagal 's gum fàs freumh searbh sam bith suas agus gun dèan e trioblaid agus troimhe sin gum bi mòran air an truailleadh,


Thoiribh an aire nach diùlt sibh esan a bhruidhneas. Oir, mura do theich iadsan nuair a dhiùlt iad am fear a thug rabhadh air talamh, 's ann gu math nas lugha a theicheas sinne ma dhiùltas sinn am fear a bhruidhneas o nèamh.


Biodh cuimhne agaibh air ur ceannardan, a bhruidhinn facal Dhè ribh, agus leanaibh an creideamh‑san a' meòrachadh air toradh an caitheamh‑beatha‑san.


Mar sin, mhionnaich mi nam fheirg ‘Cha tèid iad a‑steach dham fhois.’”


Feuchamaid ma‑thà air a dhol a‑steach dhan fhois sin air eagal 's gun tuit fear sam bith a rèir an aon seòrsa eiseimpleir de dh'eas‑ùmhlachd.


Mar sin tha latha Sàbaid fhathast ann airson sluaigh Dhè.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan