Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 3:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 na cruadhaichibh ur cridheachan mar anns an ar‑a‑mach, air latha a' bhuairidh anns an fhàsach,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Na cruadhaichibh ur cridhe, mar anns a’ bhrosnachadh, ann an là a’ bhuairidh anns an fhàsach:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Na cruadhaichibh ur cridhe, mar anns a’ bhrosnachadh, ann an là a’ bhuairidh anns an fhàsach:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Na cruadhaichibh ur cridheachan mar anns an fheargachadh, ann an latha a bhuairidh san fhasach,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 3:8
28 Iomraidhean Croise  

Oir tha cridhe an t‑sluaigh seo air fàs mì‑mhothachail; len cluasan is gann gun cluinn iad agus dhùin iad an sùilean, air eagal 's gum faiceadh iad len sùilean, agus gun cluinneadh iad len cluasan, agus gun tuigeadh iad len cridhe, agus gun tionndaidheadh iad, agus gun slànaichinn iad.


Ach nuair a dh'fhàs cuid rag agus nach do chreid iad, a' bruidhinn gu h‑olc mun t‑Slighe mu choinneamh an t‑sluaigh, tharraing e air ais uapa agus thug e na deisciobail leis, a' reusanachadh gach latha ann an talla‑òraid Thirannuis.


Threòraich an duine seo a‑mach iad, a' dèanamh iongantasan is chomharraidhean san Èipheit agus aig a' Mhuir Ruaidh agus san fhàsach thar ceathrad bliadhna.


Chan fhaod sinn Crìosd a bhuaireadh, mar a rinn cuid dhiubhsan agus a chaidh an sgrios le nathraichean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan