Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 3:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Ach tha Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe‑san, is sinne a thaigh ma chumas sinn gu deimhinn an dànachd 's an dòchas, cùis ar bòstaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Ach Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe fhèin: agus is sinne a thaigh-san, ma chumas sinn dànachd, agus gàirdeachas an dòchais, gu daingeann gus a’ chrìoch.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Ach Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe fhèin: agus is sinne a thaigh‐san, ma chumas sinn dànachd, agus gàirdeachas an dòchais, gu daingeann gus a’ chrìoch.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Ach bha Criosta mar mhac ʼna thigh fhein: agus is sinne an tigh sin, ma chumas sinn gu teann earbsa agus gloir an dochais gus a chrioch.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 3:6
46 Iomraidhean Croise  

agus bidh fuath aig a h‑uile duine dhuibh air sgàth m' ainme‑sa, ach ge b' e a leanas air chun na crìche bidh e air a shàbhaladh.


Agus tha mise ag ràdh riut gur tusa Peadar, agus air a' chreig seo togaidh mise m' eaglais, agus cha toir geatachan Ifrinn buaidh oirre.


ach bidh an neach a leanas air chun na crìche air a shàbhaladh.


Faic ma‑thà, coibhneas is geur‑smachd Dhè, geur‑smachd dhaibhsan a th' air tuiteam, ach coibhneas Dhè dhutsa, ma chumas tu ort na choibhneas. No bidh thusa cuideachd air do ghearradh às.


Ann an dòchas, dèanaibh gàirdeachas, ann an trioblaid, buanaichibh, ann an ùrnaigh, bithibh seasmhach.


Gum biodh Dia an dòchais gur lìonadh leis a h‑uile h‑aoibhneas is sìth ann a bhith a' creidsinn, airson 's gum biodh sibh a' cur thairis le dòchas, tro chumhachd an Spioraid Naoimh.


trom bheil sinne cuideachd, tro chreideamh, air slighe fhaighinn a‑steach dhan ghràs seo sa bheil sinn a' seasamh, agus tha sinn a' bòstadh ann an dòchas glòir Dhè.


Nach aithne dhuibh gur sibhse teampall Dhè agus gu bheil Spiorad Dhè a' còmhnaidh annaibh?


No nach aithne dhuibh gu bheil ur corp na theampall dhan Spiorad Naomh a tha nur broinn, a th' agaibh o Dhia, agus nach ann leib' fhèin a tha sibh?


No dè an t‑aonta a th' aig teampall Dhè ri iodhalan? Oir is sinne teampall an Dè bheò; dìreach mar a thuirt Dia, “Gabhaidh mi còmhnaidh annta is coisichidh mi nam measg, agus bidh mise nam Dhia dhaibh is bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa.”


Mar sin, fhad 's a tha an cothrom againn, dèanamaid math dhan a h‑uile duine, agus gu h‑àraidh dhaibhsan a tha de theaghlach a' chreideimh.


Agus na cailleamaid misneachd a thaobh math a dhèanamh, oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura gèill sinn.


anns a bheil dànachd is slighe chinnteach a‑steach againn tro chreideamh annsan.


ma dh'fhanas sibh dha‑rìribh sa chreideamh, stèidhichte is daingeann, agus gun a bhith air ur gluasad o dhòchas an t‑soisgeil a chuala sibh, a chaidh a shearmonachadh dhan chruthachadh gu lèir fo nèamh, air an deach mise, Pòl, mo dhèanamh nam mhinistear.


Dèanaibh gàirdeachas an‑còmhnaidh.


A‑nis, ar Tighearna fhèin, Ìosa Crìosd, agus Dia ar n‑Athair, a ghràdhaich sinn agus a thug cofhurtachd shìorraidh is dòchas math dhuinn tro ghràs,


ach ma nì mi dàil, biodh fios agaibh mar is còir do neach e fhèin a ghiùlain ann an taigh Dhè, 's e sin, eaglais an Dè bheò, colbh is bunait na fìrinn.


anns na làithean deireannach seo bhruidhinn e rinne tro a Mhac, a thagh e na oighre air a h‑uile sìon, tron do rinn e an cruinne‑cè cuideachd.


Mar sin, a bhràithrean, on a tha dànachd againn gus a dhol a‑steach dhan àite naomh tro fhuil Ìosa,


agus on a tha sagart mòr againn thairis air taigh Dhè,


Gleidheamaid gu daingeann aideachadh ar dòchais gun a bhith eadar dà bharail, oir tha esan a thug an gealladh dìleas.


Mar sin, na tilgibh air falbh ur dànadas oir tha ath‑dhìoladh mòr na chois.


A‑nis 's e creideamh cinnt nan rudan ris a bheil dòchas againn, dearbhadh air na rudan nach fhaic sinn.


Oir tha sinn air tighinn gus a bhith nar compàirtichean de Chrìosd, ma ghleidheas sinn gu daingeann toiseach ar barantais chun an deiridh.


Feuchamaid ma‑thà air a dhol a‑steach dhan fhois sin air eagal 's gun tuit fear sam bith a rèir an aon seòrsa eiseimpleir de dh'eas‑ùmhlachd.


Mar sin, on a tha àrd‑shagart mòr againn a chaidh a‑steach tro na nèamhan, Ìosa Mac Dhè, cumamaid gu daingeann ar n‑aidmheil.


Bu chòir dhuinn tighinn ma‑thà le dànachd gu rìgh‑chathair nan gràs, airson 's gun tèid tròcair a thoirt dhuinn agus gum faigh sinn gràs airson cuideachaidh tràthail.


Tha miann againn gun seall gach neach agaibh an dearbh èasgaidheachd mu choileanadh ur dòchais chun an deiridh,


airson 's – tro dhà rud nach gabh atharrachadh, anns an robh e do‑dhèanta do Dhia breug a dhèanamh – gum biodh sinne a theich thuige airson dìdein air ar misneachadh gu làidir gus grèim a ghabhail air an dòchas a tha romhainn,


(oir cha tug an lagh sìon gu foirfeachd), ach air an làimh eile tha dòchas nas fheàrr air a thoirt a‑steach, tron tig sinn nas dlùithe do Dhia.


Ged nach fhaca sibh e, tha sibh ga ghràdhachadh. Ged nach eil sibh a‑nis ga fhaicinn tha sibh a' creidsinn ann, 's tha sibh a' dèanamh gàirdeachais le aoibhneas thar bhriathran is làn glòire,


agus tha sib' fhèin mar chlachan bheò, gur togail suas mar thaigh spioradail gu bhith nur sagartachd naomh, a thairgeas suas ìobairtean spioradail, tlachdmhor do Dhia, tro Ìosa Crìosd.


Oir thàinig an t‑àm airson breitheanas tòiseachadh aig taigh Dhè, agus ma thòisicheas e againne, dè a' chrìoch a bhios ann dhaibhsan a tha eas‑umhail do shoisgeul Dhè?


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Tiatìra, sgrìobh: Seo na rudan a tha Mac Dhè ag ràdh, esan aig a bheil a shùilean mar lasair theine agus a chasan coltach ri umha fìorghlan:


a dh'aindeoin sin cumaibh grèim daingeann air na th' agaibh gus an tig mi.


Agus dhan neach a bhuadhaicheas agus dhan neach a ghleidheas m' obraichean‑sa chun an deiridh, bheir mi dhan neach sin ùghdarras thairis air na nàiseanan –


Tha mi a' tighinn gu luath, glèidh na th' agad, gus nach toir neach sam bith air falbh do chrùn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan