Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 3:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Oir chaidh esan a mheasadh airidh air barrachd glòire na Maois, dìreach mar a tha barrachd onair aig an fhear a thog e na th' aig an taigh fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Oir mheasadh gum b’airidh an Tì seo air glòir a bu mhò na Maois, a mheud is gu bheil tuilleadh urraim aig an neach a thog an taigh, na aig an taigh fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Oir mheasadh gum b’airidh an Tì seo air glòir a bu mhò na Maois, a mheud is gu bheil tuilleadh urraim aig an neach a thog an taigh, na aig an taigh fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Oir mheasadh e so ʼna airidh air tuille gloire na Maois, a reir ʼs mar is fhiach esan, a thog an tigh, barrachd onaire na an tigh fhein.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 3:3
11 Iomraidhean Croise  

Agus tha mise ag ràdh riut gur tusa Peadar, agus air a' chreig seo togaidh mise m' eaglais, agus cha toir geatachan Ifrinn buaidh oirre.


Oir is sinne co‑luchd‑obrach Dhè. Is sibhse achadh Dhè, togalach Dhè.


Ach ma thàinig ministrealachd a' bhàis – snaidhte air clachan – le glòir, is nach b' urrainn do chloinn Israeil coimhead gu geur air aghaidh Mhaois air sgàth glòir na h‑aghaidhe aige a bha a' sìoladh às,


Agus is esan ceann a' chuirp, an eaglais; is esan an toiseach, an ciad‑ghin o na mairbh, airson 's gum biodh am prìomh àite aigesan sa h‑uile sìon.


Ach chì sinn Ìosa, a chaidh a dhèanamh airson greiseig na b' ìsle na na h‑ainglean, air a chrùnadh le glòir 's le onair tro fhulangas a' bhàis airson 's gum blaiseadh e am bàs airson a h‑uile duine tro ghràs Dhè.


Oir tha a h‑uile taigh air a thogail le cuideigin, ach 's e Dia a thog a h‑uile sìon.


Ach tha Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe‑san, is sinne a thaigh ma chumas sinn gu deimhinn an dànachd 's an dòchas, cùis ar bòstaidh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan