Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 3:12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 Thugaibh an aire, a bhràithrean, air eagal math dh'fhaodte gum bi ann an aon fhear agaibh droch chridhe an eas‑creideimh, a dhèanadh sgaradh on Dia bheò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Thugaibh an aire, a bhràithrean, air eagal gum bi ann an aon neach agaibh droch cridhe mì‑chreidimh, ann an trèigsinn an Dè bheò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Thugaibh an aire, a bhràithrean, air eagal gum bi ann an aon neach agaibh droch cridhe mì‑chreidimh, ann an trèigsinn an Dè bheò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 Seallaibh, a bhraithrean, air eagal ma dhʼ fhaoidte gum bi droch cridhe a mhi-chreidimh ann am fear no fear agaibh, gus an Dia beo a threigsinn:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 3:12
37 Iomraidhean Croise  

Fhreagair Sìmon Peadar, “Is tusa an Crìosd, Mac an Dè bheò.”


Agus fhreagair Ìosa iad, “Thoiribh an aire nach meall neach sam bith sibh.


Ach thoiribh‑se an aire; dh'innis mi dhuibh a h‑uile sìon ro‑làimh.


Thoiribh an aire! Dèanaibh faire! Oir chan eil fios agaibh cuin a thig an t‑àm.


“Ach thoiribh an aire! Oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean, agus thèid ur dochann sna sionagogan, agus seasaidh sibh mu choinneamh uachdaran is rìghrean air mo shon‑sa, mar fhianais dhaibhsan.


Agus thuirt esan, “Thoiribh an aire nach tèid ur mealladh, oir thig mòran nam ainm‑sa, ag ràdh, ‘Is mise Esan!’ agus ‘Tha an t‑àm faisg air làimh!’ Na leanaibh iad.


Oir mur an do chaomhain Dia na geugan nàdarra, cha mhotha a chaomhaineas e thusa.


Mar sin gabhadh neach sam bith a shaoileas gu bheil e a' seasamh an aire nach tuit e.


Dèanaibh cinnteach nach toir duine sam bith am bruid sibh le feallsanachd is mealltaireachd fhalamh, a rèir dualchais dhaoine, a rèir phrionnsapalan bhunasach an t‑saoghail, agus nach ann a rèir Chrìosd.


Oir tha iad fhèin a' dèanamh aithris air an t‑seòrsa fàilte a fhuair sinne uaibhse, agus mar a thionndaidh sibh gu Dia o iodhalan, gus seirbheis a dhèanamh dhan Dia a tha beò agus fìor,


'S e rud eagalach a th' ann tuiteam ann an làmhan an Dè bheò.


Ach bidh am fìrean beò tro chreideamh annamsa. Agus ma thionndaidheas e air ais, cha bhi tlachd aig m' anam ann.”


Thugaibh deagh aire nach bi dìth gràs Dhè air duine, air eagal 's gum fàs freumh searbh sam bith suas agus gun dèan e trioblaid agus troimhe sin gum bi mòran air an truailleadh,


Ach tha sibh air tighinn gu Beinn Shioin agus gu baile an Dè bheò, an t‑Ierusalem nèamhaidh, agus mìltean de dh'ainglean a' dèanamh gàirdeachais,


Thoiribh an aire nach diùlt sibh esan a bhruidhneas. Oir, mura do theich iadsan nuair a dhiùlt iad am fear a thug rabhadh air talamh, 's ann gu math nas lugha a theicheas sinne ma dhiùltas sinn am fear a bhruidhneas o nèamh.


Mar sin, a bhràithrean naomha, aig a bheil compàirt sa ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near an t‑abstol agus àrd‑shagart ar n‑aideachaidh, Ìosa.


fad dà fhichead bliadhna, air an adhbhar sin, bha fearg orm ris a' ghinealach sin, agus thuirt mi, ‘Tha iad an‑còmhnaidh air seachran nan cridhe, agus cha b' aithne dhaibh mo shlighean‑sa.’


Agus tha sinn a' faicinn nach b' urrainn dhaibh a dhol a‑steach air sgàth eas‑creideimh.


nach motha na sin a ghlanas fuil Chrìosd – a thairig e fhèin, tron Spiorad Sìorraidh, neoichiontach do Dhia – ar cogais o obraichean marbha airson adhraidh a thoirt dhan Dia bheò?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan