Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 3:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 fad dà fhichead bliadhna, air an adhbhar sin, bha fearg orm ris a' ghinealach sin, agus thuirt mi, ‘Tha iad an‑còmhnaidh air seachran nan cridhe, agus cha b' aithne dhaibh mo shlighean‑sa.’

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Uime sin bha diomb orm ris a’ ghinealach sin, agus thubhairt mi, Tha iad a‑ghnàth air seachran nan cridhe; agus cha do ghabh iad eòlas air mo shlighean-sa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Uime sin bha diomb orm ris a’ ghinealach sin, agus thubhairt mi, Tha iad a‑ghnàth air seachran nan cridhe; agus cha do ghabh iad eòlas air mo shlighean‐sa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Fad dafhichead bliadhna: as leth sin bha diumb agam ris a ghinealach so, us thuirt mi: Tha iad daonnan air seachran ʼnan cridhe. Agus mo rathnidean-sa cha bʼ aithne dhaibh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 3:10
20 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chuala an deichnear seo, bha iad diombach ris an dithis bhràithrean.


Sheall e mun cuairt orra le feirg, air a chràdh gu domhainn air sgàth cruas an cridhe, agus thuirt e ris an duine, “Sìn a‑mach do làmh.” Shìn e a‑mach i, agus chaidh a làmh aiseag slàn dha.


Ach a chionn 's gu bheil mise ag innse na fìrinn, chan eil sibh gam chreidsinn!


Agus dìreach o nach fhaca iad freagarrach Dia aideachadh tuilleadh, thug Dia thairis do inntinn choirbte iad, gus rudan nach bu chòir a bhith air an dèanamh a dhèanamh.


Ach ma tha fìrinn Dhè, tro mo bhreug‑sa, a' cur thairis gu a ghlòir‑san, carson a tha mi fhathast cuideachd air mo dhìteadh mar pheacach?


Agus na cuiribh doilgheas air Spiorad Naomh Dhè, leis an deach seula a chur oirbh gu latha na saorsa.


Thugaibh an aire, a bhràithrean, air eagal math dh'fhaodte gum bi ann an aon fhear agaibh droch chridhe an eas‑creideimh, a dhèanadh sgaradh on Dia bheò.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan