Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 3:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Mar sin, a bhràithrean naomha, aig a bheil compàirt sa ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near an t‑abstol agus àrd‑shagart ar n‑aideachaidh, Ìosa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Uime sin, a bhràithrean naomha, a tha nur luchd-compàirt den ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near Iosa Crìosd, Abstol agus Àrd-shagart ar n‑aidmheil;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Uime sin, a bhràithrean naomha, a tha nur luchd‐compàirt den ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near Iosa Crìosd, Abstol agus Àrd‐shagart ar n‑aidmheil;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Air an aobhar sin, a bhraithrean naomha, aig am beil comh-phairt anns a ghairm fhlathasaich, gabhaibh beachd air ostal ʼs ard-shagart ar n-aideachaidh, Iosa:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 3:1
63 Iomraidhean Croise  

Agus is i seo a' bheatha shìorraidh, gum biodh eòlas aca ortsa an t‑aon Dia fìor, agus airsan a chuir thu a‑mach, Ìosa Crìosd.


Mar sin thuirt Ìosa riutha a‑rithist, “Sìth dhuibh! Mar a chuir an t‑Athair a‑mach mise, mar sin tha mise cuideachd gur cur‑se a‑mach.”


An uair sin thuirt e ri Tòmas, “Cuir do chorrag an seo, agus seall air mo làmhan. Sìn do làmh a‑mach an seo agus cuir nam chliathaich i. Na bi mì‑chreidmheach ach creidmheach.”


Anns na làithean sin sheas Peadar am measg nam bràithrean (b' e àireamh na feadhna a bha an làthair mu cheud is fichead) agus thuirt e,


Ach ma chaidh cuid dhe na geugan am briseadh dheth, is gun deach thusa, ged a tha thu nad chrann‑ola fiadhaich, do nòdachadh a‑steach nam measg agus a‑nis gu bheil thu a' faighinn co‑roinn ann am freumh bheathachail a' chroinn‑ola,


Oir bha iad toilichte, agus tha iad fo fhiachan dhaibh. Oir ma thàinig na Cinnich gus a bhith a' faighinn roinn sna gnothaichean spioradail acasan, bu chòir dhaibh cuideachd a bhith a' frithealadh dhaibhsan ann an gnothaichean an t‑saoghail seo.


Oir tha mi ag innse dhuibh gun tàinig Crìosd gus a bhith na sheirbheiseach dhan timcheall‑ghearradh air sgàth fìrinn Dhè airson 's gun dearbhadh e na geallaidhean a chaidh a thoirt dha na h‑athraichean,


fiù 's sinne a tha e air a ghairm, chan ann o na h‑Iùdhaich a‑mhàin ach o na Cinnich cuideachd?


Gu eaglais Dhè a th' ann an Corintus, thucasan a th' air an naomhachadh ann an Crìosd Ìosa, air an gairm gus a bhith nan naoimh, cuide riuthasan uile a tha, sa h‑uile h‑àite, a' gairm air ainm ar Tighearna Ìosa Crìosd, an Tighearna acasan agus againne:


A chionn 's gu bheil aon aran ann, tha sinne a tha nar mòran nar n‑aon chorp, oir tha sinn uile a' gabhail pàirt dhen aon aran.


Tha mi ga dhèanamh uile air sgàth an t‑soisgeil, airson 's gum faodainn compàirt a ghabhail na bheannachdan.


Agus tha ar dòchas air ur son‑se daingeann, le fios againn, mar a tha sibh nur luchd‑compàirt nar fulangasan‑ne, gum bi sibh cuideachd nur luchd‑compàirt nar cofhurtachd.


Tro dhearbhadh an fhrithealaidh seo, bheir iad glòir do Dhia air sgàth ur n‑ùmhlachd do shoisgeul Chrìosd a rèir ur n‑aidmheil, agus airson fialaidheachd ur tabhartais dhaibh agus dhan a h‑uile duine,


gu bheil na Cinnich nan co‑oighreachan agus nan co‑bhuill dhen chorp, agus nan co‑luchd‑compàirt dhen ghealladh ann an Crìosd tron t‑soisgeul,


Mar sin tha mise, prìosanach an Tighearna, a' guidhe oirbh gun coisich sibh ann an dòigh a tha iomchaidh dhan ghairm leis an deach ur gairm,


Tha aon bhodhaig agus aon Spiorad ann – dìreach cuideachd mar a chaidh ur gairm ann an aon dòchas ur gairme;


tha mi a' leantainn orm chun a' chinn‑uidhe airson duais àrd‑ghairm Dhè ann an Crìosd Ìosa.


a' toirt taing dhan Athair, a th' air ur dèanamh comasach a bhith nur luchd‑compàirt de dh'oighreachd nan naomh san t‑solas.


a dh'aindeoin sin, tha e a‑nis air ur dèanamh rèidh ann an corp na feòla aige tro bhàs, airson sibhse a nochdadh ma choinneamh, naomh is neo‑choireach agus gun chionta –


Mar sin, mar dhaoine taghte Dhè, naomh is gràdhaichte, cuiribh oirbh caomh‑thròcairean, coibhneas, irioslachd, ciùineas, foighidinn,


gur n‑earalachadh agus gur cofhurtachadh agus a' cur ìmpidh oirbh gus am biodh sibh beò gu h‑iomchaidh do Dhia, a ghairm sibh a‑steach dha rìoghachd fhèin 's dha ghlòir.


Tha mi ga chur oirbh, o Dhia, gun leugh sibh an litir seo dha na bràithrean gu lèir.


Air an adhbhar sin tha sinne cuideachd ag ùrnaigh an‑còmhnaidh air ur son‑se, gum biodh sibh air ur cunntadh airidh air gairm ar Dia agus gum biodh gach iarrtas math air a choileanadh, agus obair a' chreideimh le cumhachd.


dhan do ghairm e sibh cuideachd, tron t‑soisgeul againne, airson glòir ar Tighearna Ìosa Crìosd a shealbhachadh.


Cath deagh chath a' chreideimh, greimich air a' bheatha shìorraidh dhan deach do ghairm agus dhan do dh'aidich thu an deagh aideachadh mu choinneamh mhòran fhianaisean.


Agus na sealladh iadsan aig a bheil maighstirean creidmheach sìos orra a chionn 's gur e bràithrean a th' annta, ach dèanadh iad seirbheis nas fheàrr, air sgàth 's gur e creidmhich is luchd‑gràidh a th' anntasan a tha a' faighinn buannachd an deagh obrach‑san. Teagaisg is earalaich na rudan seo dhaibh.


Esan a shàbhail sinn is a ghairm oirnn le gairm naomh, chan ann a rèir ar n‑obraichean, ach a rèir a rùin fhèin is a ghràis, a thug e dhuinne ann an Ìosa Crìosd, ro linn na tìm;


Smaoinich air na tha mi ag ràdh, oir bheir an Tighearna dhut tuigse sa h‑uile sìon.


Mar sin, a bhràithrean, on a tha dànachd againn gus a dhol a‑steach dhan àite naomh tro fhuil Ìosa,


agus on a tha sagart mòr againn thairis air taigh Dhè,


Gleidheamaid gu daingeann aideachadh ar dòchais gun a bhith eadar dà bharail, oir tha esan a thug an gealladh dìleas.


Tha mi a' guidhe oirbh, a bhràithrean, gum fulaing sibh mo bhrath earalachaidh, oir sgrìobh mi gu goirid thugaibh.


Oir tha an dà chuid – esan a tha a' naomhachadh 's iadsan a th' air an naomhachadh – uile on aon fhear; air an adhbhar sin chan eil nàire air ‘bràithrean’ a ghabhail orra,


Air an adhbhar sin, bha e mar fhiachaibh air a bhith air a dhèanamh coltach ri a bhràithrean sa h‑uile sìon, airson 's gum biodh e na àrd‑shagart tròcaireach agus dìleas anns na bhuineadh do Dhia, gus rèite a dhèanamh airson pheacaidhean an t‑sluaigh.


Thugaibh an aire, a bhràithrean, air eagal math dh'fhaodte gum bi ann an aon fhear agaibh droch chridhe an eas‑creideimh, a dhèanadh sgaradh on Dia bheò.


Oir tha sinn air tighinn gus a bhith nar compàirtichean de Chrìosd, ma ghleidheas sinn gu daingeann toiseach ar barantais chun an deiridh.


far an deach Ìosa, an ro‑ruitheadair, a‑steach air ar son‑ne, a chaidh a dhèanamh na àrd‑shagart gu sìorraidh a rèir òrduigh Mhelchisedeic.


Oir bha e riatanach gum biodh a leithid seo de dh'àrd‑shagart againne; naomh, neoichiontach, neo‑thruaillidh, air leth bho pheacaich agus air a dhèanamh nas àirde na na nèamhan,


Oir tha an lagh a' suidheachadh shagartan de dhaoine a tha buailteach air laigse, ach tha facal a' mhionna, a thàinig às dèidh an lagha, a' suidheachadh a' Mhac, foirfe gu sìorraidh.


Ach thàinig Crìosd mar àrd‑shagart nan deagh rudan a thàinig gu bith, tron phàillean a tha nas motha 's nas foirfiche, nach deach a dhèanamh le làmhan, 's e sin, nach buin dhan chruthachadh seo.


Agus air an adhbhar sin, is esan eadar‑mheadhanair cùmhnaint ùir, oir gun do bhàsaich e airson saorsa o eu‑ceartan a thachair fon chiad chùmhnant, airson 's gum faigh iadsan a th' air an gairm gealladh na h‑oighreachd shìorraidh.


Ach tha sibhse nar ginealach taghta, sagartachd rìoghail, nàisean naomh, sluagh a tha nan seilbh aig Dia, gus an innis sibh sàr‑mhathas an fhir a ghairm sibh o dhorchadas gu a sholas glòrmhor fhèin.


Oir 's ann mar sin cuideachd a bha na boireannaich naomha o shean gam brèaghachadh fhèin, iadsan aig an robh dòchas ann an Dia, umhail dham fir.


Mar sin, na h‑èildeirean nur measg, tha mi a' misneachadh, mar cho‑èildeir 's mar fhianais air fulangasan Chrìosd, agus mar chom‑pàirtichean dhen ghlòir a tha gu bhith air fhoillseachadh,


A‑nis, nì Dia nan uile ghràs – a ghairm sibh gu a ghlòir shìorraidh ann an Crìosd Ìosa, às dèidh dhuibh fulang beagan ùine – ur coileanadh, ur suidheachadh, ur neartachadh agus ur stèidheachadh.


Tha sinn a' cur an cèill dhuibhse an rud a chunnaic agus a chuala sinn airson 's gum bi co‑chomann agaibhse cuideachd leinne. Agus tha an co‑chomann againne gu deimhinn còmhla ris an Athar agus ri a Mhac, Ìosa Crìosd.


Iùdas, seirbheiseach Ìosa Crìosd agus bràthair Sheumais: Thucasan a th' air an gairm, gràdhaichte ann an Dia an t‑Athair, agus air an gleidheadh le Ìosa Crìosd.


Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra, oir is esan Tighearna nan tighearnan agus Rìgh nan rìghrean, agus tha iadsan a tha leis air an gairm, agus air an taghadh agus dìleas.”


Dèan aoibhneas thairis air, nèamh is naoimh is abstoil is fàidhean, oir thug Dia breith air as ur leth.’”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan