Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 2:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Oir ma chaidh am facal a thuirt na h‑ainglean a dhaingneachadh is gun d' fhuair a h‑uile briseadh‑lagha is eas‑ùmhlachd ath‑dhìoladh dligheach;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Oir ma bha am facal a labhradh le ainglean seasmhach, agus gun d’fhuair gach uile bhriseadh agus eas-ùmhlachd dìol-thuarasdal dligheach;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Oir ma bha am facal a labhradh le ainglean seasmhach, agus gun d’fhuair gach uile bhriseadh agus eas‐ùmhlachd dìol‐thuarasdal dligheach;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Oir ma rinneadh am facal, a chaidh a labhairtle ainglean, steidheil, ʼs ma fhuair a h-uile coire agus as-umhlachd a cheart dhuais, a thoill iad,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 2:2
29 Iomraidhean Croise  

sibhse a fhuair an lagh a chaidh òrdachadh tro ainglean, agus nach do chùm e.”


Carson ma‑thà an lagh? Chaidh a chur ris air sgàth eas‑ùmhlachd, às dèidh dha a bhith air òrdachadh tro ainglean le làimh eadar‑mheadhanair, gus an tigeadh an sìol dhan deach an gealladh a thoirt.


Aig iomadh àm 's ann an iomadh dòigh, bhruidhinn Dia o shean ris na h‑athraichean tro na fàidhean,


Chaidh neach sam bith a dhiùlt lagh Mhaois a chur gu bàs gun tròcair air teisteanas dhithis no thriùir.


Mar sin, na tilgibh air falbh ur dànadas oir tha ath‑dhìoladh mòr na chois.


Mheas e gu robh masladh Chrìosd na bheairteas na bu motha na ionmhas na h‑Èipheit, oir bha e a' coimhead ris an ath‑dhìoladh.


Gun chreideamh, tha e do‑dhèanta a thoileachadh; oir feumaidh an neach a thig thuige creidsinn gu bheil e ann, agus gun toir e duais dhaibhsan a shireas e gu dìcheallach.


Thoiribh an aire nach diùlt sibh esan a bhruidhneas. Oir, mura do theich iadsan nuair a dhiùlt iad am fear a thug rabhadh air talamh, 's ann gu math nas lugha a theicheas sinne ma dhiùltas sinn am fear a bhruidhneas o nèamh.


Agus tha facal fàidheadaireachd nas cinntiche againne, 's nì sibhse math aire a thoirt dha, mar do lampa a tha a' deàlradh ann an àite dorcha, gus am bris an latha agus gus an èirich reul na maidne nur cridheachan.


A‑nis tha mi ag iarraidh cuimhneachadh dhuibh, ged a bha fios agaibh aon uair air, gun do shàbhail an Tighearna sluagh o thìr na Èipheit, 's às dèidh sin gun do sgrios e iadsan nach do chreid.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan